Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 9:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Solamh dhi a ceistean uile; agus cha robh nì air bith am falach air Solamh nach d’innis e dhi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Feuch, rinn mise a rèir do bhriathran: feuch, thug mi dhut cridhe glic agus tuigseach, air chor is nach robh neach air bith romhad cosmhail riut, agus nach mò a dh’èireas ad dhèidh neach air bith cosmhail riut.

Agus thug Dia gliocas do Sholamh, agus tuigse ro‑mhòr, agus farsaingeachd cridhe mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na mara.

Agus nuair a chuala bànrighinn Shèba cliù Sholaimh, thàinig i a dhearbhadh Sholaimh le ceistean cruaidhe gu Ierusalem, le cuideachd ro‑mhòir, agus le càmhail a’ giùlan spìosraidh agus òir ann am pailteas, agus chlachan luachmhor: agus nuair a thàinig i a dh’ionnsaigh Sholaimh, labhair i ris gach nì a bha na cridhe.

Agus nuair a chunnaic bànrighinn Shèba gliocas Sholaimh, agus an taigh a thog e,

An tì a shiùbhlas le daoine glice, bidh e glic; ach sgriosar companach nan amadan.

Mar uisgeachan domhain tha briathran beul duine; mar shruth sgaoilteach tha tobar a’ ghliocais.

Agus thubhairt e riu, Dhuibhse thugadh eòlas a ghabhail air nithean diamhair rìoghachd Dhè: ach dhaibh-san a tha an leth a‑muigh nìthear gach nì ann an cosamhlachdan:

Ach gun chosamhlachd cha do labhair e riu. Agus mhìnich e na h‑uile nithean da dheisciobail fhèin air leth.

A seo suas cha ghairm mi seirbhisich dhibh; oir chan aithne don t‑seirbhiseach ciod a tha a thighearna a’ dèanamh: ach ghairm mi càirdean dhibh; oir na h‑uile nithean a chuala mi om Athair, thug mi fios dhuibhse orra.

Anns a bheil uile ionmhasan a’ ghliocais agus an eòlais falaichte.

Oir tha facal Dhè beò agus cumhachdach, agus nas gèire na claidheamh dà fhaobhair air bith, a’ ruigheachd eadhon a‑chum eadar-sgaradh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus nan smear, agus a’ toirt breith air smuaintean agus rùintean a’ chridhe.

Ma tha aon neach agaibh a dh’uireasbhaidh gliocais, iarradh e o Dhia, a bheir do gach neach gu pailt, agus nach dèan maoidheadh; agus bheirear dha e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan