Agus sheas dà‑leòmhann-dheug an sin air na sia ceumannan, air an taobh seo agus air an taobh ud. Cha do rinneadh a leithid ann an rìoghachd air bith eile.
Agus bha sia ceumannan aig an rìgh-chathair agus cas-stòl òir, air an tàthadh ris an rìgh-chathair, agus làmhan air gach taobh den àite-shuidhe, agus dà leòmhann a’ seasamh làimh ris na làmhan.
Agus bha uile shoithichean-òil rìgh Solamh de òr, agus uile shoithichean taigh frìth Lebanoin de òr fìorghlan: cha robh meas air airgead ann an làithean Sholaimh a‑chum nì sam bith.
Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath-ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair-dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.
Agus bha balla mòr agus àrd aige, air an robh dà‑gheata-dheug, agus aig na geatachan dà‑aingeal-dheug, agus ainmean sgrìobhte orra, eadhon ainmean dà‑threubh-dheug chloinn Israeil.