Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 9:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn e trì cheud targaid de òr buailte: chaidh trì cheud secel òir a‑chum gach targaide: agus chuir an rìgh iad ann an taigh frìth Lebanoin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thug e leis ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan taigh an rìgh; bhuin e leis eadhon an t‑iomlan: agus thug e leis na sgiathan òir uile a rinn Solamh.

Thog e mar an ceudna taigh frìth Lebanoin; ceud làmh-choille a fhad, agus lethcheud làmh-choille a leud, agus deich-ar‑fhichead làmh-choille a àirde; air ceithir sreathan de phuist sheudair, agus sailthean seudair air na puist.

Uime sin thàinig Sisac rìgh na h‑Eiphit a‑nìos an aghaidh Ierusaleim, agus thug e leis ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan taigh an rìgh; bhuin e leis an t‑iomlan: thug e leis mar an ceudna na targaidean òir a rinn Solamh.

Agus rinn rìgh Solamh dà cheud sgiath de òr buailte; chaidh sia ceud secel de òr buailte a‑chum gach sgèithe.

Rinn an rìgh mar an ceudna rìgh-chathair mhòr de fhiaclan elephant, agus chòmhdaich e i leis an òr a bu ghlaine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan