Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 9:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A thuilleadh air na thug na ceannaichean agus an luchd-malairt, agus uile rìghrean Aràbia, agus uachdarain na tìre, a thug òr agus airgead a dh’ionnsaigh Sholaimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

A thuilleadh air na fhuair e o na ceannaichean, agus o mhalairt an luchd-spìosraidh, agus o uile rìghrean Aràbia, agus o uachdarain na tìre.

Agus thug cuid de na Philistich tìodhlacan do Iehosaphat, agus airgead cìse: mar an ceudna thug na h‑Arabaich da ionnsaigh sprèidh, seachd mìle agus seachd ceud reithe, agus seachd mìle agus seachd ceud boc-goibhre.

Agus rinn rìgh Solamh dà cheud sgiath de òr buailte; chaidh sia ceud secel de òr buailte a‑chum gach sgèithe.

Airson do theampaill ann an Ierusalem, bheir rìghrean tìodhlac dhut.

Smachdaich luchd nan sleagh, mòr-chuideachd nan tarbh le laoigh an t‑sluaigh, gus an strìochd iad le mìrean airgid; sgap thusa na slòigh a ghabh tlachd den chogadh.

Bheir rìghrean Tharsis agus nan eilean tìodhlacan uapa; bheir rìghrean Shèba agus Shaba tabhartasan dha.

Agus do uile rìghrean Aràbia, agus do uile rìghrean an t‑sluaigh mheasgte tha a chòmhnaidh anns an fhàsach;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan