Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 9:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug rìgh Solamh do bhànrighinn Shèba a h‑uile mhiann a dh’iarr i, a thuilleadh air na thug i a dh’ionnsaigh an rìgh: agus thionndaidh i agus dh’imich i da tìr, i fhèin agus a seirbhisich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thug rìgh Solamh do bhànrighinn Shèba a h‑uile mhiann a dh’iarr i, a thuilleadh air na thug e dhi a rèir a fhialaidheachd rìoghail fhèin: agus thill i, agus dh’fhalbh i da tìr, i fhèin agus a seirbhisich.

Agus rinn an rìgh den fhiodh alguim staidhrichean do thaigh an Tighearna, agus do thaigh an rìgh, agus clàrsaichean agus saltairean don luchd-ciùil: agus chan fhacas an leithid roimhe ann an tìr Iùdah.

A‑nis b’e cudthrom an òir a thàinig a dh’ionnsaigh Sholaimh ann an aon bhliadhna sia ceud agus trì-fichead agus sia tàlannan òir;

Gun tugadh e dhut a rèir do chridhe fhèin, agus gun coileanadh e do chomhairle uile!

A‑nis dhàsan don comas na h‑uile nithean a dhèanamh gu h‑anabarrach ro‑phailt, thar gach nì as urrainn sinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a’ chumhachd a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annainn,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan