Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 9:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn an rìgh den fhiodh alguim staidhrichean do thaigh an Tighearna, agus do thaigh an rìgh, agus clàrsaichean agus saltairean don luchd-ciùil: agus chan fhacas an leithid roimhe ann an tìr Iùdah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus rinn an rìgh den fhiodh almuig puist do thaigh an Tighearna, agus do thaigh an rìgh, clàrsaichean mar an ceudna agus saltairean don luchd-ciùil: cha tàinig a leithid seo de fhiodh almuig, agus chan fhacas a leithid gus an là‑an‑diugh.)

Agus ceithir mìle nan dorsairean; agus ceithir mìle a’ cliùthachadh an Tighearna leis na h‑innealan a rinn Daibhidh gu cliùthachadh.

Os bàrr, chuir Daibhidh agus ceannardan an t‑sluaigh air leth fa chomhair na seirbhis de mhic Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, daoine a dhèanadh fàidheadaireachd, le clàrsaichean, le saltairean, agus le ciombalan. Agus b’e àireamh an luchd-frithealaidh, a rèir an seirbhis:

Cuir am ionnsaigh mar an ceudna craobhan seudair, craobhan giuthais, agus craobhan alguim o Lebanon: oir tha fhios agam gu bheil do sheirbhisich eòlach air fiodh a ghearradh ann an Lebanon: agus, feuch, bidh mo sheirbhisich-sa maille rid sheirbhisich-sa,

Agus mar an ceudna thug seirbhisich Huraim, agus seirbhisich Sholaimh, a thug òr o Ophir, fiodh alguim leo, agus clachan luachmhor.

Agus thug rìgh Solamh do bhànrighinn Shèba a h‑uile mhiann a dh’iarr i, a thuilleadh air na thug i a dh’ionnsaigh an rìgh: agus thionndaidh i agus dh’imich i da tìr, i fhèin agus a seirbhisich.

Agus nuair a ghlac e an leabhar, thuit na ceithir beò-chreutairean, agus na ceithir-seanairean-fichead, sìos an làthair an Uain, agus aig gach aon dhiubh clàrsaichean, agus tùis-shoithichean òir làn tùise, nì as e ùrnaighean nan naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan