Agus gearraidh sinne fiodh à Lebanon, a rèir gach feum a bhios agad; agus bheir sinn ad ionnsaigh e na ràthan air muir gu Iopa; agus bheir thusa suas e gu Ierusalem.
Ach de chloinn Israeil cha do rinn Solamh tràill sam bith airson a obrach; oir bha iad nam fir-chogaidh, agus nan uachdarain, agus nan ceannardan aige, agus nam fir-riaghlaidh a charbad agus a mharc-shluaigh.
Agus cha d’fhògair iad a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach tha na Canàanaich nan còmhnaidh am measg nan Ephraimeach gus an là‑an‑diugh; agus tha iad a’ dèanamh seirbhis dhaibh fo chìs.