Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 8:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir Huram da ionnsaigh le làimh a sheirbhiseach longan, agus seirbhisich aig an robh eòlas na fairge; agus chaidh iad maille ri seirbhisich Sholaimh gu Ophir, agus thug iad as a sin ceithir cheud agus lethcheud tàlann òir, agus thug iad gu rìgh Solamh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Oir bha luingeas Tharsis aig an rìgh air muir maille ri luingeas Hiraim: aon uair anns na trì bliadhna thàinig luingeas Tharsis, a’ giùlan òir, agus airgid, fiaclan elephant, agus apa, agus pheucag.

Agus mar an ceudna thug seirbhisich Huraim, agus seirbhisich Sholaimh, a thug òr o Ophir, fiodh alguim leo, agus clachan luachmhor.

A‑nis b’e cudthrom an òir a thàinig a dh’ionnsaigh Sholaimh ann an aon bhliadhna sia ceud agus trì-fichead agus sia tàlannan òir;

Oir chaidh loingeas an rìgh gu Tarsis maille ri seirbhisich Huraim: aon uair anns na trì bliadhna thàinig loingeas Tharsis a’ giùlan òir agus airgid, fiaclan elephant, agus apa, agus pheucag.

Chàrn mi suas mar an ceudna dhomh fhèin airgead agus òr, agus ionmhas sònraichte nan rìgh agus nam mòr-roinn; fhuair mi dhomh fhèin fir-chiùil agus mnathan-ciùil, agus aoibhneasan clann nan daoine, mar a tha innealan-ciùil, agus sin de gach gnè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan