Anns an àm sin choisinn Resin rìgh Shiria Elat air ais do Shiria, agus dh’fhògair e na h‑Iùdhaich à Elat; agus thàinig na Sirianaich do Elat, agus ghabh iad còmhnaidh ann gus an là‑an‑diugh.
Agus dheasaicheadh obair Sholaimh uile gu ruig an là anns an do leagadh bunait taigh an Tighearna, agus gus an do chrìochnaicheadh e. Mar sin rinneadh taigh an Tighearna gu h‑iomlan.
Agus nuair a chaidh sinn seachad o ar bràithrean, clann Esau, a bha a chòmhnaidh ann an Seir, trìd slighe a’ chòmhnaird o Elat, agus o Esion-gaber, thill sinn, agus chaidh sinn seachad air slighe fàsach Mhòaib.