Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 8:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus shuidhich e, a rèir riaghailt Dhaibhidh a athair, roinnean nan sagart a‑chum an seirbhis, agus na Lèbhithich a‑chum an cùraim, a mholadh agus a fhrithealadh am fianais nan sagart, a rèir dlighe gach là; agus na dorsairean a rèir an roinnean aig gach geata: oir mar sin dh’àithn Daibhidh, òglach Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

Labhair spiorad an Tighearna tromhamsa, agus a fhacal air mo theangaidh.

Agus, feuch, thàinig duine le Dia à Iùdah le facal an Tighearna gu Betel: agus bha Ierobòam na sheasamh làimh ris an altair, a’ losgadh tùise.

Agus dh’fhàg e an sin fa chomhair àirc choicheangal an Tighearna, Asaph agus a bhràithrean, a fhrithealadh air beulaibh na h‑àirce an còmhnaidh, mar a dh’iarradh obair gach là:

Eadhon maille riùsan Heman agus Iedutun le trompaidean, agus le ciombalan, a’ dèanamh fuaim, agus le innealan-ciùil Dhè: agus bha mic Iedutuin nan dorsairean.

A‑nis nuair a bha Daibhidh sean agus làn de làithean, rinn e Solamh a mhac na rìgh air Israel.

Agus is iad seo roinnean mic Aaroin. Mic Aaroin: Nàdab, agus Abihu, Eleàsar, agus Itamar.

Agus roinn Daibhidh iad, araon Sadoc de mhic Eleàsair, agus Ahimelech de mhic Itamair, a rèir an àireamh nan seirbhis.

Os bàrr, chuir Daibhidh agus ceannardan an t‑sluaigh air leth fa chomhair na seirbhis de mhic Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, daoine a dhèanadh fàidheadaireachd, le clàrsaichean, le saltairean, agus le ciombalan. Agus b’e àireamh an luchd-frithealaidh, a rèir an seirbhis:

A‑thaobh roinnean nan dorsairean: do na Corhaich, Meselemiah mac Chore, de mhic Asaiph.

Seo uile, arsa Daibhidh, thug an Tighearna orm a thuigsinn ann an sgrìobhadh le a làimh orm, eadhon uile obraichean an t‑samhlaidh seo.

Agus b’iad na dorsairean Salum, agus Acub, agus Talmon, agus Ahiman, agus am bràithrean: b’e Salum an ceannard;

Ann an ceithir cheàrnan bha na dorsairean, a làimh na h‑àird an ear, na h‑àird an iar, na h‑àird a tuath, agus na h‑àird a deas;

Agus shuidhich e na dorsairean aig geatachan taigh an Tighearna, a‑chum nach rachadh neach air bith a‑steach, a bha neòghlan ann an nì air bith.

Seo an nì a nì sibh: Bidh an treas cuid dhibhse a thèid a‑steach air an t‑sàbaid de na sagartan agus de na Lèbhithich nan luchd-gleidhidh nan doras;

Agus chuir e na Lèbhithich ann an taigh an Tighearna le ciombalan, le saltairean, agus le clàrsaichean, a rèir àithne Dhaibhidh agus Ghaid, fear-seallaidh an rìgh, agus Nàtain am fàidh: oir b’i sin àithne an Tighearna le làimh a fhàidhean.

Agus shuidhich Heseciah roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach a rèir an roinnean, gach duine a rèir a sheirbhis fhèin, na sagartan agus na Lèbhithich airson nan ìobairt-loisgte, agus airson nan ìobairt-shìth, a fhrithealadh, agus a thabhairt buidheachais, agus a chliùthachadh ann an geatachan camp an Tighearna:

Agus dh’ullaicheadh an t‑seirbhis, agus sheas na sagartan nan àite, agus na Lèbhithich nan roinnean, a rèir àithne an rìgh.

Agus bha luchd-seinn, mic Asaiph, nan àite fhèin, a rèir àithne Dhaibhidh, agus Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, fear-seallaidh an rìgh, agus na dorsairean aig gach geata: chan fheumadh iad an seirbhis fhàgail, oir dheasaich am bràithrean na Lèbhithich air an son.

Agus deasaichibh sibh fhèin a rèir taigh ur n‑athraichean, a rèir ur roinnean, mar a sgrìobh Daibhidh rìgh Israeil, agus mar a sgrìobh Solamh a mhac;

Agus nuair a thàinig na sagartan a‑mach as an ionad naomh (oir naomhaicheadh na sagartan uile a bha an làthair: cha robh iad a’ feitheamh anns an àm sin a rèir an roinnean:

Agus cha do chlaon iad o àithne an rìgh mu na sagartan agus na Lèbhithich, a‑thaobh nì air bith, no a‑thaobh nan ionmhas.

Agus shuidhich iad na sagartan nan roinnean, agus na Lèbhithich nan sealan, airson seirbhis Dhè, a tha ann an Ierusalem; mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar Mhaois.

Agus cinn nan Lèbhitheach: Hasabiah, Serebiah, agus Iesua mac Chadmieil, agus am bràithrean thall fan comhair, a mholadh agus a thabhairt buidheachais a rèir àithne Dhaibhidh òglach Dhè, faire fa chomhair faire.

Mataniah, agus Bacbuciah, Obadiah, Mesulam, Talmon, Acub, nan dorsairean a’ coimhead na faire aig stairsneachan nan geatachan.

Agus a bhràithrean Semaiah, agus Asareel, Milalai, Gilalai, Maai, Netaneel, agus Iùdah, agus Hanani, le innealan-ciùil Dhaibhidh òglach Dhè, agus Esra an sgrìobhaiche romhpa.

Bha ann an làithean Heroid, rìgh Iudèa, sagart àraidh dom b’ainm Sacharias, de chùrsa Abia: agus bha a bhean de nigheanan Aaroin, agus b’ainm dhi Elisabet.

Agus thàrladh, am feadh a bha esan a’ frithealadh mar shagart an làthair Dhè ann an òrdagh a chùrsa,

Agus air dha esan atharrachadh, thog e suas Daibhidh gu bhith na rìgh dhaibh; don tug e mar an ceudna fianais, ag ràdh, Fhuair mi Daibhidh mac Iese, duine a rèir mo chridhe fhèin, a nì m’uile thoil.

Oir an dèidh do Dhaibhidh a ghinealach fhèin a riarachadh a rèir toil Dhè, chaidil e, agus chuireadh e a‑chum a athraichean, agus chunnaic e truaillidheachd:

Agus is e seo am beannachadh leis an do bheannaich Maois, òglach Dhè, clann Israeil ro a bhàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan