2 Eachdraidh 8:13Am Bìoball Gàidhlig 1992A dhlighe fhèin air gach là, agus ìobradh a rèir àithne Mhaois, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air na fèillean sònraichte, trì uairean anns a’ bhliadhna, air fèill an arain neo-ghortaichte, agus air fèill nan seachdain, agus air fèill nam pàillean. Faic an caibideil |
Agus buinidh e don phrionnsa tabhartasan-loisgte, agus tabhartasan-bìdh, agus tabhartasan-dibhe a thoirt uaithe air na làithean fèille, agus air na gealaichean nuadha, agus air na sàbaidean, agus air uile àrd-fhèillean taigh Israeil: deasaichidh e an tabhartas-peacaidh, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartas-loisgte, agus na tabhartasan-sìthe, a dhèanamh rèite airson taigh Israeil.