2 Eachdraidh 8:12Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin dh’ìobair Solamh ìobairtean-loisgte don Tighearna, air altair an Tighearna, a thog e fa chomhair an sgàth-thaighe; Faic an caibideil |
Agus nuair a chuala Asa na briathran sin, agus fàidheadaireachd Asariah mhic Odeid am fàidh, ghabh e misneach, agus chuir e air falbh na h‑iodhalan gràineil à tìr Iùdah agus Bheniàmin uile, agus as na bailtean a ghlac e de shliabh Ephraim, agus dh’athnuadhaich e altair an Tighearna, a bha air beulaibh sgàth-thaigh an Tighearna.
Agus buinidh e don phrionnsa tabhartasan-loisgte, agus tabhartasan-bìdh, agus tabhartasan-dibhe a thoirt uaithe air na làithean fèille, agus air na gealaichean nuadha, agus air na sàbaidean, agus air uile àrd-fhèillean taigh Israeil: deasaichidh e an tabhartas-peacaidh, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartas-loisgte, agus na tabhartasan-sìthe, a dhèanamh rèite airson taigh Israeil.
Agus thug e mi don chùirt as fhaide a‑staigh de thaigh an Tighearna, agus, feuch, aig doras teampall an Tighearna, eadar an sgàth-thaigh agus an altair, tuaiream còig fir ar fhichead, len cùlaibh ri teampall an Tighearna, agus an aghaidh ris an àird an ear, agus iad ag adhradh don ghrèin ris an àird an ear.