Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 8:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug Solamh suas nighean Phàraoh à baile Dhaibhidh a dh’ionnsaigh an taighe a thog e dhi: oir thubhairt e, Cha ghabh mo bhean-sa còmhnaidh ann an taigh Dhaibhidh rìgh Israeil; oir is naomh na h‑àitean don tàinig àirc an Tighearna a‑steach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Solamh cleamhnas ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus ghabh e nighean Phàraoh, agus thug e i do bhaile Dhaibhidh, gus an do chuir e crìoch air a thaigh fhèin a thogail, agus taigh an Tighearna, agus balla Ierusaleim mun cuairt.

Agus aig a thaigh fhèin anns an do chòmhnaich e, bha cùirt eile an taobh a‑staigh den sgàth-thaigh, a bha den obair cheudna. Rinn e cuideachd taigh do nighinn Phàraoh, a ghabh Solamh dha fhèin na mnaoi, cosmhail ris an sgàth-thaigh seo.

Ach chaidh nighean Phàraoh suas à baile Dhaibhidh da taigh fhèin, a thog Solamh dhi: an sin thog e Milo.

Agus b’iad seo uachdarain an luchd-dreuchd a bha aig rìgh Solamh, dà cheud agus lethcheud a riaghail os cionn an t‑sluaigh.

Agus an sin coinnichidh mise clann Israeil, agus naomhaichear am pàillean lem ghlòir.

Agus thubhairt e, Na tig am fagas an seo; cuir dhìot do bhrògan bhàrr do chas, oir an t‑àit air a bheil thu ad sheasamh, is talamh naomh e.

A mhic an duine, cuir d’aghaidh ri Ierusalem, agus leig sileadh dod fhacal ris na h‑ionadan naomha, agus dèan fàistneachd an aghaidh fearann Israeil,

Agus chuala sinne an guth seo a thàinig o nèamh, nuair a bha sinn maille ris air an t‑sliabh naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan