Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 8:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus b’iad seo uachdarain an luchd-dreuchd a bha aig rìgh Solamh, dà cheud agus lethcheud a riaghail os cionn an t‑sluaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

A thuilleadh air àrd luchd-dreuchd Sholaimh, a bha os cionn na h‑obrach, trì mìle agus trì cheud, aig an robh uachdaranachd air an t‑sluagh a bha a’ dèanamh na h‑obrach.

B’iad seo uachdarain an luchd-dreuchd a bha os cionn obair Sholaimh, còig ceud agus lethcheud, a riaghail os cionn an t‑sluaigh a dh’obraich anns an obair.

Agus rinn e trì-fichead agus deich mìle dhiubh nan luchd-iomchair eallach, agus ceithir-fichead mìle nan gearradairean anns an t‑sliabh, agus trì mìle agus sia ceud nan luchd-amhairc-thairis a thoirt air an t‑sluagh obair a dhèanamh.

Agus thug Solamh suas nighean Phàraoh à baile Dhaibhidh a dh’ionnsaigh an taighe a thog e dhi: oir thubhairt e, Cha ghabh mo bhean-sa còmhnaidh ann an taigh Dhaibhidh rìgh Israeil; oir is naomh na h‑àitean don tàinig àirc an Tighearna a‑steach.

Ach de chloinn Israeil cha do rinn Solamh tràill sam bith airson a obrach; oir bha iad nam fir-chogaidh, agus nan uachdarain, agus nan ceannardan aige, agus nam fir-riaghlaidh a charbad agus a mharc-shluaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan