Agus thàrladh an ceann fichead bliadhna, anns an do thog Solamh taigh an Tighearna agus a thaigh fhèin,
Agus anns an aon-bhliadhna-deug, anns a’ mhìos Bul (is e sin an t‑ochdamh mìos), chrìochnaicheadh an taigh na earrannan uile, agus a rèir a chumaidh uile. Agus bha e seachd bliadhna ga thogail.
Ach bha Solamh trì-bliadhna-deug a’ togail a thaighe fhèin, agus chrìochnaich e a thaigh uile.
Agus nuair a chuir Solamh crìoch air taigh an Tighearna, agus taigh an rìgh a thogail, agus uile mhiann Sholaimh a bu taitneach leis a dhèanamh,
Na bailtean a thug Huram do Sholamh, gun do thog Solamh iad, agus thug e air cloinn Israeil còmhnaidh a ghabhail an sin.