Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 7:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chùm Solamh anns an àm sin an fhèill seachd làithean, agus Israel uile maille ris, co‑chruinneachadh ro‑mhòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Air an là sin fhèin rinn an Tighearna coicheangal ri Abram, ag ràdh, Dod shliochd-sa thug mi am fearann seo, o abhainn na h‑Eiphit gu ruig an abhainn mhòr, abhainn Euphràtes:

Agus chruinnich fir Israeil uile iad fhèin a dh’ionnsaigh rìgh Solaimh, air an fhèill ann am mìos Etanim; is e sin an seachdamh mìos.

Agus chùm Solamh anns an àm sin fèill, agus Israel uile maille ris, coitheanal mòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit, am fianais an Tighearna ar Dia, seachd làithean agus seachd làithean, eadhon ceithir-là‑deug.

Agus chruinnich ann an Ierusalem mòran sluaigh, a chumail fèill an arain neo-ghortaichte anns an dara mìos, co‑chruinneachadh ro‑mhòr.

Mar sin bha mòr-aoibhneas ann an Ierusalem: oir o làithean Sholaimh mhic Dhaibhidh, rìgh Israeil, cha robh a leithid ann an Ierusalem.

Agus chruinnich fir Israeil uile iad fhèin a dh’ionnsaigh an rìgh air an fhèill, ann am mìos Etanim, is e sin an seachdamh mìos.

Anns an t‑seachdamh mìos, air a’ chòigeamh-là‑deug den mhìos, nì e a rèir sin air fèill nan seachd làithean, a rèir an tabhartais-pheacaidh, a rèir na h‑ofrail-loisgte, agus a rèir an tabhartais-bhìdh, agus a rèir na h‑ola.

An taobh an iar mar an ceudna bidh aig an fhairge mhòir on iomall, gus an tig duine a‑nall fa chomhair Hamait; seo an taobh an iar.

Agus, feuch, dùisgidh mise suas cinneach nur n‑aghaidh, O thaigh Israeil, tha Iehòbhah, Dia nan sluagh ag ràdh; agus sàraichidh iad sibh o dhol a‑steach Hamait, gu ruig abhainn an fhàsaich.

Agus bha fèill nan Iùdhach, eadhon fèill nam pàillean, am fagas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan