2 Eachdraidh 7:5Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus dh’ìobair rìgh Solamh mar ìobairt dà‑mhìle-fichead damh, agus ceud agus fichead mìle caora: agus choisrig an rìgh agus an sluagh uile taigh Dhè. Faic an caibideil |
Feuch, tha mi gu taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, a‑chum a choisrigeadh dha, gu tùis chùbhraidh a losgadh na fhianais, agus airson an arain thaisbeanta bhith-bhuain, agus airson ìobairtean-loisgte air madainn agus air feasgar, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air àrd-fhèillean an Tighearna ar Dia: gu bràth tha seo ceangailte air Israel.
Agus dh’fheith na sagartan air an dreuchd; na Lèbhithich mar an ceudna le innealan-ciùil an Tighearna, a rinn Daibhidh an rìgh a mholadh an Tighearna, a chionn gum mair a thròcair gu bràth, nuair a bha Daibhidh a’ cliùthachadh len làimh-san: agus shèid na sagartan trompaidean romhpa, agus sheas Israel uile.
Agus buinidh e don phrionnsa tabhartasan-loisgte, agus tabhartasan-bìdh, agus tabhartasan-dibhe a thoirt uaithe air na làithean fèille, agus air na gealaichean nuadha, agus air na sàbaidean, agus air uile àrd-fhèillean taigh Israeil: deasaichidh e an tabhartas-peacaidh, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartas-loisgte, agus na tabhartasan-sìthe, a dhèanamh rèite airson taigh Israeil.