Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 7:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic clann Israeil uile mar a thàinig an teine a‑nuas, agus glòir an Tighearna, air an taigh, chrom iad iad fhèin len aghaidhean a‑chum na talmhainn air an ùrlar, agus rinn iad adhradh, agus mhol iad an Tighearna, a chionn gu bheil e math, gum mair a thròcair gu bràth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic an sluagh uile e, thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, Is e an Tighearna fhèin as Dia ann, is e an Tighearna fhèin as Dia ann.

Molaibh an Tighearna, oir tha e math; oir gu bràth mairidh a thròcair.

Agus maille riùsan Heman agus Iedutun, agus a’ chuid eile a thaghadh, a ghairmeadh air an ainmean, a thoirt cliù don Tighearna, a chionn gu bheil a thròcair bithbhuan:

Agus thubhairt Daibhidh ris a’ cho-chruinneachadh uile, A‑nis beannaichibh an Tighearna ur Dia. Agus bheannaich an co‑chruinneachadh gu lèir an Tighearna, Dia an athraichean, agus chrom iad sìos an cinn, agus thug iad urram don Tighearna agus don rìgh.

Agus chrom Iehosaphat a cheann, le a aghaidh gu làr; agus thuit Iùdah uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, sìos am fianais an Tighearna, a’ dèanamh adhraidh don Tighearna.

Agus nuair a thug e comhairle don t‑sluagh, dh’òrdaich e luchd-seinn don Tighearna, daoine a mholadh maise na naomhachd, nuair a thigeadh iad a‑mach ron armailt, agus a theireadh, Thugaibh buidheachas don Tighearna, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Agus rinn an coitheanal uile adhradh, agus sheinn an luchd-seinn, agus shèid na trompadairean: mhair seo uile gus an do chrìochnaicheadh an ìobairt-loisgte.

Agus nuair a chuir iad crìoch air ìobradh, chrom an rìgh agus iadsan uile a bha maille ris iad fhèin, agus rinn iad adhradh.

Agus dh’àithn Heseciah an rìgh agus na h‑uachdarain do na Lèbhithich gum moladh iad an Tighearna ann am briathran Dhaibhidh, agus Asaiph am fear-seallaidh: agus mhol iad le subhachas, agus chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

Agus bha iad mar aon a’ dèanamh fuaim le trompaidean, agus a’ seinn, a thoirt air aon ghuth a bhith air a chluinntinn a mholadh agus a thoirt buidheachais don Tighearna. Ach nuair a thog iad suas an guth leis na trompaidean, agus na ciombalan, agus na h‑innealan-ciùil, agus a bha iad a’ moladh an Tighearna, a chionn gu bheil e math, a chionn gum mair a thròcair gu bràth; an sin lìonadh an taigh le neul, taigh an Tighearna.

Agus fhreagair iad a chèile ann am moladh, agus ann an tabhairt buidheachais don Tighearna, a chionn gu bheil e math, gum mair a thròcair do Israel gu bràth. Agus rinn an sluagh uile gàir mhòr, nuair a mhol iad an Tighearna, a chionn gun do leagadh bunait taigh an Tighearna.

Oir tha an Tighearna math; mairidh a thròcair gu bràth, agus a fhìrinn o linn gu linn.

Ach tha tròcair an Tighearna o shìorraidheachd orrasan don eagal e, agus a fhìreantachd do chloinn an cloinne,

Molaibh an Tighearna. O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

O thigibh, sleuchdamaid, agus cromamaid sìos; tuiteamaid air ar glùinean am fianais an Tighearna a rinn sinn;

Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

Tròcairean an Tighearna aithrisidh mi, agus cliù an Tighearna; a rèir gach nì a bhuilich an Tighearna oirnn, agus meud a mhaitheis do thaigh Israeil, a dheònaich e dhaibh a rèir a choibhneis, agus a rèir lìonmhorachd a thròcairean.

Guth aoibhneis, agus guth subhachais, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda; guth na muinntir a their, Molaibh-se Tighearna nan sluagh, oir tha an Tighearna math, oir tha a thròcair buan gu sìorraidh; agus na muinntir a bheir an ìobairt-mholaidh gu taigh an Tighearna: oir bheir mise air a h‑ais bruid an fhearainn, mar air tùs, deir an Tighearna.

Agus thàinig teine a‑mach o làthair an Tighearna, agus loisg e air an altair an ìobairt-loisgte, agus an t‑saill: agus chunnaic an sluagh uile e, agus rinn iad iolach, agus thuit iad air an aghaidh.

An sin thuit Maois agus Aaron air an aghaidh an làthair coitheanal co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile.

Agus thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, O Dhè, Dia spioradan gach uile fheòla, am peacaich aon duine, agus am bi fearg agad ris a’ cho-chruinneachadh uile?

Agus tha a thròcair-san o linn gu linn, don dream don eagal e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan