Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 7:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus freagrar, A chionn gun do thrèig iad an Tighearna, Dia an athraichean, a thug a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit, agus gun do ghabh iad dan ionnsaigh diathan eile, agus gun do shleuchd iad dhaibh, agus gun do rinn iad seirbhis dhaibh; uime sin thug e an t‑olc seo uile orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Uime sin thug e orra rìgh nan Caldèanach, a mharbh an daoine òga leis a’ chlaidheamh ann an taigh an ionaid naoimh, agus nach do chaomhain òigfhear no òigh, seann duine no esan a bha air a chromadh leis an aois: thug e thairis iad uile na làimh.

Agus cuiridh mise mo bhreitheanais an cèill nan aghaidh, airson an uile aingidheachd; a chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do loisg iad tùis do dhiathan eile, agus gun do shleuchd iad do obraichean an làmhan fhèin.

An sin their thusa riu, A chionn gun do thrèig ur n‑athraichean mise, deir an Tighearna, agus gun deachaidh iad air lorg dhia eile, agus gun tug iad seirbhis dhaibh, agus gun tug iad dhaibh adhradh, agus gun do thrèig iad mise, agus nach do choimhead iad mo reachd.

Ach mura toir sibh èisdeachd do na briathran seo, orm fhèin thug mise mionnan, deir an Tighearna, Gu cinnteach nìthear ionad fàs den taigh seo.

Agus bheir iad comhfhurtachd dhuibh, nuair a chì sibh an slighe, agus an gnìomharan: agus aithnichidh sibh nach ann gun adhbhar a rinn mise gach nì a rinn mi ann, deir an Tighearna Dia.

Agus dhaingnich e a bhriathran a labhair e nar n‑aghaidh, agus an aghaidh ar britheamhan a thug breith oirnn, le dòrainn mhòr a thoirt oirnn; oir fo nèamh uile cha do rinneadh mar a rinneadh air Ierusalem.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan