Agus an taigh seo a bha cho àrd, bidh iongantas air gach neach a thèid seachad air, agus their e, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris an tìr seo, agus ris an taigh seo?
Uime sin bha fearg an Tighearna ri Iùdah agus ri Ierusalem, agus thug e thairis iad do thuairgne, do uamhann, agus do sgeig, mar a chì sibh le ur sùilean.
Agus nuair a their thu ann ad chridhe, Carson a thàinig na nithean seo orm? Airson meud do chionta tha do sgiobaill air an leigeadh ris, tha do shàiltean air an rùsgadh.
Agus nì mi a’ chathair seo na fàsach, agus na ball-sgeig: bidh mòr-ioghnadh air gach neach a thèid seachad oirre, agus nì e sgeig airson a h‑uile phlàighean.
An dealbh suarach briste an duine seo Coniah? No an soitheach e anns nach eil aig aon neach tlachd? Cuime a bheil iad air an tilgeadh a‑mach, e fhèin agus a shliochd, agus air an iomain gu tìr anns nach eil iad eòlach?
Agus tàrlaidh, nuair a their sibh, Cuime an do rinn an Tighearna ar Dia rinn na nithean seo uile? An sin freagraidh tusa iad, Amhail a thrèig sibhse mise, is a rinn sibh seirbhis do dhiathan coimheach nur tìr, mar sin nì sibh seirbhis do choigrich ann an dùthaich nach leibh fhèin.
Airson corraich an Tighearna cha bhi i nas mò air a h‑àiteachadh, ach bidh i na fàsach gu h‑iomlan: bidh uamhann air gach aon a thèid seachad air Bàbilon, agus nì e sgeig ma h‑uile phlàighean.