Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 7:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin spìonaidh mise sibh as m’fhearann a thug mi dhuibh; agus an taigh seo a naomhaich mi dom ainm, tilgidh mi as mo shealladh, agus nì mi e na shamhladh agus na leth-fhacal am measg nan uile chinneach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus buailidh an Tighearna Israel, mar a ghluaisear cuilc anns an uisge, agus spìonaidh e Israel as an fhearann mhath seo, a thug e dan athraichean, agus sgapaidh e iad air an taobh thall den abhainn; a chionn gun do rinn iad an doireachan, a’ cur feirge air an Tighearna.

An sin gearraidh mise Israel as bhàrr aghaidh an fhearainn a thug mi dhaibh: agus an taigh seo a naomhaich mi dom ainm fhèin, tilgidh mi as mo shealladh, agus bidh Israel na ghnàth-fhacal agus na leth-fhacal am measg nan uile shluagh:

Agus chuir an Tighearna cùl ri uile shliochd Israeil, agus chuir e fo àmhghar iad, agus thug e thairis iad do làimh chreachadairean, gus an do thilg e as a shealladh iad.

Agus loisg iad taigh Dhè, agus bhris iad sìos balla Ierusaleim, agus loisg iad a lùchairtean uile le teine, agus mhill iad a shoithichean taitneach uile.

Rinn thu gnàth-fhacal dhinn am measg nan cinneach, adhbhar crathadh cinn am measg an t‑sluaigh.

Uime sin sgriosaidh Dia thu gu bràth; bheir e air falbh thu, agus tàirngidh e as do phàillean thu, agus spìonaidh e do fhreumhan à tìr nam beò. Selah.

Ach mura toir iad gèill, an sin spìonaidh mi a‑nìos an cinneach sin, a’ spìonadh a‑nìos agus a’ sgrios, deir an Tighearna.

Uime sin tilgidh mi sibh a‑mach as an tìr seo, gu tìr air nach d’fhuair sibh eòlas, sibh fhèin no ur n‑athraichean; agus an sin nì sibh seirbhis do dhiathan coimheach, a là agus a dh’oidhche, a chionn nach dèan mise tròcair oirbh.

Cuin air bith a labhras mise mu thimcheall cinnich, agus mu thimcheall rìoghachd, gu spìonadh a‑nìos, gu leagail sìos, agus gu sgrios;

Agus gabhaidh mòran chinneach seachad air a’ chathair seo, agus their iad, gach aon ra choimhearsnach, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris a’ chathair mhòir seo?

Bheir eadhon mise thairis iad gu bhith air an luasgadh air feadh uile rìoghachdan an domhain, a‑chum an aimhleis; gu bhith nan cùis-fhanaid, agus nan gnàth-fhacal, agus nam ball-magaidh, agus nam mallachadh, anns a h‑uile àite gus am fògair mi iad.

Agus tàrlaidh, amhail a rinn mise faire os an cionn gu spìonadh a‑nìos, gu briseadh, agus gu tilgeadh sìos, agus gu sgrios, agus gu claoidh; mar sin nì mi faire os an cionn, gu togail, agus gu suidheachadh, deir an Tighearna.

Agus gu bheil sibh gam bhrosnachadh-sa gu corraich le obraichean ur làmh, a’ losgadh tùise do dhiathan coimheach ann an tìr na h‑Eiphit, a‑chum a bheil sibh air dol a ghabhail còmhnaidh; a‑chum gum biodh sibh air ur gearradh as, agus gum biodh sibh nur mallachadh, agus nur masladh am measg uile chinnich na talmhainn?

Mar seo their thu ris, Mar seo thubhairt an Tighearna, Feuch, an nì sin a thog mi, tilgidh mi sìos; agus an nì sin a shuidhich mi spìonaidh mi a‑nìos; eadhon am fearann seo gu h‑iomlan.

Uime sin, bheir mise a’ chuid as miosa de na cinnich, agus sealbhaichidh iad an taighean: cuiridh mi fòs cosgadh air uabhar nan neartmhor, agus truaillear an ionadan naomha.

Oir ma thionndaidheas sibh air falbh o a leantainn-san, fàgaidh e fhathast uair eile anns an fhàsach iad, agus sgriosaidh sibh an sluagh seo uile.

Agus bidh tu ad uamhas, ad shamhladh, agus ad lethfhacal, am measg nan uile chinneach gus an treòraich an Tighearna thu.

Agus spìon an Tighearna a‑mach iad as am fearann ann am feirg, agus ann an corraich, agus ann an lasan ro‑mhòr, agus thilg e iad do dhùthaich eile, mar air an là‑an‑diugh.

Is smalan iad sin nur cuirmean gràidh, nuair a tha iad air cuirmean maille ribh, gam beathachadh fhèin gun eagal: is neòil iad gun uisge, air an giùlan mun cuairt le gaothan; craobhan searg-mheasach, gun toradh; dà uair marbh, air an spìonadh as am freumhan;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan