Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 7:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ma ghluaiseas tusa ann am fhianais mar a ghluais Daibhidh d’athair, agus ma nì thu a rèir gach nì a dh’àithn mi dhut, agus gun glèidh thu mo reachdan agus mo bhreitheanais:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus ma dh’èisdeas tu ris na h‑uile nithean a dh’àithneas mise dhut, agus gun gluais thu ann am shlighean, agus gun dèan thu an nì a tha ceart am shùilean, a ghleidheadh mo reachdan agus m’àitheantan, mar a rinn Daibhidh m’òglach: an sin bidh mise maille riut, agus togaidh mi dhut taigh daingeann, mar a thog mi do Dhaibhidh, agus bheir mi Israel dhut.

Agus coimhead cùram an Tighearna do Dhia, a dh’imeachd na shlighean, a ghleidheadh a reachdan, agus a àitheantan, agus a bhreitheanais, agus a theisteis, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, a‑chum gun soirbhich leat anns gach nì a nì thu, agus anns gach àite don tionndaidh tu thu fhèin;

Agus ma dh’imicheas tu ann am shlighean-sa, a ghleidheadh mo reachdan, agus m’àitheantan, mar a dh’imich Daibhidh d’athair, an sin nì mi do làithean fada.

A‑nis uime sin, a Thighearna Dhè Israeil, cùm rid òglach Daibhidh m’athair an nì a labhair thu ris, ag ràdh, Cha bhi thu gun duine am fhianais-sa, a shuidheas air rìgh-chathair Israeil; ma bheir a‑mhàin do chlann an aire dan slighe, le gluasad ann am fhianais-sa, mar a ghluais thusa ann am fhianais.

Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.

A‑nis uime sin, a Thighearna Dhè Israeil, cùm rid òglach Daibhidh m’athair an nì a labhair thu ris, ag ràdh, Cha bhi duine a dhìth ort am fhianais-sa, a shuidheas air rìgh-chathair Israeil, ma choimheadas a‑mhàin do chlann an slighe, a’ gluasad ann am lagh, mar a ghluais thusa am fhianais.

Oir a‑nis thagh mi agus naomhaich mi an taigh seo, a‑chum gum bi m’ainm an sin gu bràth; agus bidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là.

An sin daingnichidh mise rìgh-chathair do rìoghachd, mar a rinn mi coicheangal ri Daibhidh d’athair, ag ràdh, Cha bhi duine a dhìth ort gu bhith na uachdaran ann an Israel.

A‑chum gun tugadh iad fa‑near a reachdan, agus gun gleidheadh iad a laghan. Molaibh an Tighearna.

O nach robh mo cheuman air an stiùradh a‑chum do reachdan a choimhead!

Agus cuiridh mi mo spiorad an taobh a‑staigh dhibh, agus bheir mi oirbh gluasad ann am reachdan, agus coimheadaidh sibh mo bhreitheanais, agus nì sibh iad.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Ma ghluaiseas tu ann am shlighean-sa, agus ma choimheadas tu mo reachd, an sin bheir thu mar an ceudna breith air mo thaigh, agus gleidhidh tu fòs mo chùirtean; agus bheir mi dhut àiteachan-coiseachd am measg na muinntir seo nan seasamh leat.

An tì aig a bheil m’àitheantan-sa, agus a tha gan coimhead, is esan aig a bheil gràdh dhòmhsa: agus an tì aig a bheil gràdh dhòmhsa, gràdhaichear lem Athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi mi fhèin dha.

Ma choimheadas sibh m’àitheantan, fanaidh sibh ann am ghràdh; mar a choimhead mise àitheantan m’Athar, agus a tha mi a’ fantainn na ghràdh.

Gleidhidh tu uime sin a reachdan, agus a àitheantan, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh, a‑chum gun èirich gu math dhut, agus dod chloinn ad dhèidh, agus a‑chum gum buanaich thu do làithean air an fhearann, a bheir an Tighearna do Dhia dhut gu bràth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan