Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 7:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir a‑nis thagh mi agus naomhaich mi an taigh seo, a‑chum gum bi m’ainm an sin gu bràth; agus bidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

On là air an tug mi mo shluagh Israel a‑mach as an Eiphit, cha do thagh mi baile sam bith à uile threubhan Israel a thogail taighe, a‑chum gum biodh m’ainm an sin: ach thagh mi Daibhidh gu bhith os cionn mo shluaigh Israel.

Nuair a dhruidear na nèamhan, agus nach bi uisge ann, a chionn gun do pheacaich iad ad aghaidh-sa, agus a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo, agus a dh’aidicheas iad d’ainm, agus a dh’iompaichear iad o am peacadh, nuair a chuireas tu fo àmhghar iad;

Ma thèid do shluagh a‑mach a chogadh an aghaidh an naimhdean, ge bè rathad a chuireas tu iad, agus gun dèan iad ùrnaigh ris an Tighearna a làimh a’ bhaile a roghnaich thusa, agus an taighe a chuir mise suas dod ainm;

Agus mar seo ma thilleas iad ad ionnsaigh-sa len uile chridhe, agus len uile anam, ann an tìr an naimhdean, a thug leo nam braighdean iad, agus ma nì iad ùrnaigh riutsa rathad an tìre fhèin, a thug thu dan athraichean, rathad a’ bhaile a roghnaich thu, agus an taighe a thog mi dod ainm;

Agus thubhairt an Tighearna ris, Chuala mi d’ùrnaigh agus d’athchuinge a chuir thu suas am fhianais: naomhaich mi an taigh seo a thog thu, a chur m’ainme an sin gu bràth; agus bidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là.

Agus thog e altairean ann an taigh an Tighearna, mun dubhairt an Tighearna, Ann an Ierusalem cuiridh mi m’ainm.

A‑nis na bithibh-se cruaidh-mhuinealach cosmhail ri ur n‑athraichean: thugaibh sibh fhèin thairis don Tighearna, agus rachaibh a‑steach da ionad naomh, a naomhaich e gu bràth; agus dèanaibh seirbhis don Tighearna ur Dia, a‑chum gun tionndaidh lasan a fheirge air falbh uaibh.

A‑chum gum bi do shùilean fosgailte ris an taigh seo a dh’oidhche agus a là, eadhon ris an àite mun dubhairt thu gun cuireadh tu d’ainm an sin, a dh’èisdeachd ris an ùrnaigh a nì do sheirbhiseach a dh’ionnsaigh an àite seo.

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Sholamh anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Chuala mi d’ùrnaigh, agus thagh mi an t‑àite seo dhomh fhèin airson taigh ìobairte.

A‑nis bidh mo shùilean fosgailte, agus bheir mo chluasan an aire do ùrnaigh an àite seo:

Agus ma ghluaiseas tusa ann am fhianais mar a ghluais Daibhidh d’athair, agus ma nì thu a rèir gach nì a dh’àithn mi dhut, agus gun glèidh thu mo reachdan agus mo bhreitheanais:

Oir roghnaich an Tighearna Sion; mhiannaich e i mar ionad-còmhnaidh dha fhèin, ag ràdh,

Is i seo mo shuaimhneas gu sìorraidh; an seo gabhaidh mi còmhnaidh, oir mhiannaich mi i.

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Gun dèanadh an Tighearna do chronachadh, O Shàtain; gun dèanadh eadhon an Tighearna a roghnaich Ierusalem, do chronachadh: nach aithinne e seo, air a spìonadh as an teine?

Agus, feuch, guth o nèamh, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.

Ma bhios an t‑àit a thagh an Tighearna do Dhia a chur a ainme an sin, ro‑fhada uat, an sin marbhaidh tu ded bhuar, agus ded threud, a thug an Tighearna dhut, mar a dh’àithn mise dhut, agus ithidh tu an taobh a‑staigh ded gheatachan gach nì as miannach led anam.

Agus nì thu gàirdeachas an làthair an Tighearna do Dhia, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, agus an coigreach, agus an dìlleachdan, agus a’ bhantrach, a tha nur measg, anns an ionad a thagh an Tighearna do Dhia a chur a ainme ann.

Oir annsan tha uile iomlanachd na Diadhachd a’ gabhail còmhnaidh gu corporra.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan