Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 7:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma dh’irioslaicheas mo shluagh, air an goirear m’ainm, iad fhèin, agus gun dèan iad ùrnaigh, agus gun iarr iad mo ghnùis, agus gun till iad on droch shlighean, an sin cluinnidh mise o na nèamhan, agus maithidh mi am peacadh, agus lèighsidh mi am fearann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Agus bha eagal air Iehosaphat, agus chuir e a aghaidh a dh’iarraidh an Tighearna, agus ghairm e trasgadh air feadh Iùdah uile.

Agus chruinnicheadh Iùdah an ceann a chèile a dh’iarraidh còmhnaidh on Tighearna: eadhon à uile bhailtean Iùdah thàinig iad a dh’iarraidh an Tighearna.

An sin èisd thusa o na nèamhan, agus maith peacadh do sheirbhiseach, agus do shluaigh Israel, a‑chum gun teagaisg thu dhaibh an t‑slighe mhath air an còir dhaibh gluasad, agus gun cuir thu uisge air an fhearann a thug thu dod shluagh mar oighreachd.

An sin èisd thusa o na nèamhan, od àite-còmhnaidh, agus maith, agus thoir do gach duine a rèir a shlighean uile, a tha fhios agad air a chridhe (oir is ann agadsa, agadsa a‑mhàin, a tha fhios air cridheachan clann nan daoine);

An sin èisd thusa o na nèamhan, od àite-còmhnaidh, agus dèan a rèir nan uile nithean mun glaodh an coigreach riut; a‑chum gum bi eòlas aig uile shlòigh na talmhainn air d’ainm, agus gum bi eagal orra romhad, mar a tha air do shluagh Israel, agus gum bi fhios aca gun goirear d’ainm-sa air an taigh seo a thog mise.

Nuair a thubhairt thusa, Iarraibh-se mo ghnùis, thubhairt mo chridhe riut, Do ghnùis, a Thighearna, iarraidh mi.

Chuir thu an talamh air chrith; bhris thu e; slànaich a bhriseadh, oir tha e air a luasgadh.

An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair.

Cha do labhair mi ann an uaigneas, ann an ionad dorcha den talamh; cha dubhairt mi ri sliochd Iàcoib gu dìomhain, Iarraibh mi; is mise an Tighearna a labhras ann am fìreantachd, a dh’fhoillsicheas nithean cearta.

Agus thig am Fear-saoraidh gu Sion, agus tionndaidhidh e easaontas o Iàcob, deir an Tighearna.

Bu leat sinne riamh; cha robh thu a’ riaghladh os an cionn-san; cha robh iad air an gairm air d’ainm.

Cuime am biodh tu mar neach ann an suain chadail, mar ghaisgeach aig nach eil cumhachd gu tèarnadh? Gidheadh tha thusa, O Thighearna, nar meadhon, agus ortsa tha sinn air ar n‑ainmeachadh; na dèan ar trèigsinn.

Feuch, bheir mi dhi slàinte agus leigheas, agus nì mi an slànachadh; agus nochdaidh mi dhaibh pailteas sìthe agus fìrinn.

Ach anns na làithean sin, agus air an àm sin, deir an Tighearna, thig clann Israeil, iad fhèin agus clann Iùdah le chèile, ag imeachd, agus a’ gul nan imeachd, agus iarraidh iad an Tighearna an Dia.

B’àill leinne Bàbilon a leigheas, ach chan eil i air a leigheas; trèigibh i, agus rachamaid gach aon da dhùthaich fhèin: oir ràinig a breitheanas na nèamhan, agus thogadh suas e gus na speuran.

Nach eil ìocshlaint ann an Gilead? Nach eil lèigh an sin? Carson, matà, nach eil slàinte air a h‑aiseag do nighinn mo shluaigh-sa?

Abair riu, Mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, chan eil tlachd air bith agamsa ann am bàs an aingidh; ach gun tilleadh an t‑aingidh o a shlighe, agus gum biodh e beò: tillibh, tillibh, o ur droch shlighean, carson a bhàsaicheas sibh, O thaigh Israeil?

Uime sin, a mhic an duine, abair thusa ri cloinn do shluaigh, Cha dèan fìreantachd an fhìrein a shaoradh ann an là a chionta: agus na aingidheachd cha tuit an t‑aingidh anns an là anns an till e o chionta; cha mhò a dh’fhaodas am fìrean a bhith beò airson a fhìreantachd anns an là anns am peacaich e.

Agus cuiridh iad m’ainm air cloinn Israeil, agus beannaichidh mise iad.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus imich don t‑sràid, ris an abrar Dìreach, agus iarr ann an taigh Iùdais, duine o Tharsas den goirear Saul: oir feuch, tha e ri ùrnaigh,

Agus chì uile chinnich na talmhainn gun goirear ainm an Tighearna ort, agus bidh eagal orra romhad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan