Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 7:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma dhruideas mi na nèamhan, agus nach bi uisge ann, no ma dh’àithneas mi do na lòcaist am fearann ithe suas, no ma chuireas mi plàigh am measg mo shluaigh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Ma ghearras e as, no ma dhùineas e suas, no ma chruinnicheas e ri chèile, cò a bhacas e?

Feuch, brisidh e sìos, agus cha togar suas: druididh e suas duine, agus chan fhosglar.

Labhair e, agus thàinig lòcaist agus burrais, agus sin gun àireamh.

Fearann beartach nì e fàs airson aingidheachd a luchd-àiteachaidh.

Agus aisigidh mise dhuibh na bliadhnachan a dh’ith an lòcast, a’ chnàmh-bheist, am burras, a’ phailm-chnuimh, m’fheachd mòr, a chuir mi nur measg.

Agus chùm mi uaibh mar an ceudna an t‑uisge, nuair a bha fhathast trì mìosan gu fogharadh; agus thug mi air frasadh air aon bhaile, agus gun fhrasadh air baile eile; air aon chuid thàinig an t‑uisge; agus a’ chuid eile air nach tàinig an t‑uisge, shearg e.

Buailidh mi iad leis a’ phlàigh, agus fògraidh mi iad, agus nì mi thusa ad chinneach nas mò, agus nas cumhachdaiche na iadsan.

Ach gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu robh mòran bhantrach ann an Israel an làithean Eliais, nuair a dhruideadh nèamh rè trì bliadhna agus sia mìosan, agus a bha gorta mhòr air feadh na tìre uile:

Agus gun las fearg an Tighearna nur n‑aghaidh, agus gun druid e suas nèamh, air chor is nach bi uisge sam bith ann, agus nach toir am fearann a thoradh uaithe, agus gun sgriosar gu grad sibh as an fhearann mhath a tha an Tighearna a’ tabhairt dhuibh.

Tha cumhachd aca seo nèamh a dhùnadh, ionnas nach bi uisge ann, ann an làithean am fàidheadaireachd: agus tha cumhachd aca air uisgeachan a‑chum an tionndadh gu fuil, agus an talamh a bhualadh leis an uile phlàigh, cho minig is as toil leo.

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan