Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 7:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Sholamh anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Chuala mi d’ùrnaigh, agus thagh mi an t‑àite seo dhomh fhèin airson taigh ìobairte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha Abram ceithir-fichead agus naoi-bliadhna-deug a dh’aois, dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; gluais thusa am fhianais, agus bi iomlan.

Dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Sholamh an dara uair, mar a dh’fhoillsich e e fhèin dha ann an Gibeon.

Agus thubhairt Eliah ris, Fan, guidheam ort, an seo: oir chuir an Tighearna mise gu Iòrdan. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan fhàg mi thu. Agus chaidh iad nan dithis air an aghaidh.

Till, agus abair ri Heseciah, ceannard mo shluaigh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, ag ràdh, Chuala mise d’ùrnaigh, chunnaic mi do dheòir: feuch, slànaichidh mi thu; air an treas là thèid thu suas do thaigh an Tighearna.

Agus chuir e dealbh snaidhte an doire a rinn e anns an taigh mun dubhairt an Tighearna ri Daibhidh, agus ri Solamh a mhac, Anns an taigh seo, agus ann an Ierusalem, a thagh mi à uile threubhan Israeil, cuiridh mi m’ainm gu bràth.

Air an oidhche sin dh’fhoillsich Dia e fhèin do Sholamh, agus thubhairt e ris, Iarr ciod a bheir mi dhut.

Oir a‑nis thagh mi agus naomhaich mi an taigh seo, a‑chum gum bi m’ainm an sin gu bràth; agus bidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là.

A Thighearna, chuala tu miann nan daoine bochda; deasaichidh tu an cridhe; bheir thu air do chluais èisdeachd,

Gu dearbh dh’èisd Dia, thug e an aire do ghuth m’ùrnaigh.

An sin bidh tabhartas Iùdah agus Ierusaleim taitneach don Tighearna, mar anns na làithean o shean, agus anns na bliadhnachan roimhe seo.

Ach thubhairt an t‑aingeal ris, Na gabh eagal, a Shachariais; oir fhuair d’ùrnaigh èisdeachd, agus beiridh do bhean Elisabet mac dhut, agus bheir thu Eòin mar ainm air.

Agus thubhairt e, A Chorneliuis, fhuair d’ùrnaigh èisdeachd, agus tha do dhèircean air an cuimhneachadh am fianais Dhè.

An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan-loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan-togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan