Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh m’athair, A chionn gu robh e ann ad chridhe taigh a thogail dom ainm-sa, is math a rinn thu gu robh e ann ad chridhe:
Agus bha e ann an cridhe Dhaibhidh m’athair taigh a thogail do ainm an Tighearna Dia Israeil.
Gidheadh, cha tog thusa an taigh, ach do mhac a thig a‑mach as do leasraidh, togaidh esan an taigh dom ainm-sa.
Rinn i na dh’fhaodadh i; thàinig i ro‑làimh a dh’ungadh mo chuirp a‑chum adhlaic.
Oir ma bhios air tùs inntinn thoileach ann, gabhar ris a rèir mar a tha aig neach, agus chan ann a rèir nan nithean nach eil aige.