Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 6:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach a‑nis thagh mi Ierusalem, a‑chum gum biodh m’ainm an sin; agus thagh mi Daibhidh gu bhith os cionn mo shluaigh Israel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus thog e altairean ann an taigh an Tighearna, mun dubhairt an Tighearna, Ann an Ierusalem cuiridh mi m’ainm.

Agus chuir e dealbh snaidhte an doire a rinn e anns an taigh mun dubhairt an Tighearna ri Daibhidh, agus ri Solamh a mhac, Anns an taigh seo, agus ann an Ierusalem, a thagh mi à uile threubhan Israeil, cuiridh mi m’ainm gu bràth.

Oir cha do ghabh mise còmhnaidh ann an taigh on là air an tug mi a‑nìos Israel as an Eiphit gus an là‑an‑diugh, ach bha mi o bhùth gu bùth, agus o phàillean gu pàillean.

A‑nis uime sin, mar seo their thu rim sheirbhiseach Daibhidh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thug mi thu o chrò nan caorach, o leantainn nan caorach, gu bhith ad cheannard air mo shluagh Israel:

Gidheadh roghnaich an Tighearna Dia Israeil mi ro uile thaigh m’athar, gu bhith ann am rìgh air Israel gu bràth: oir roghnaich e Iùdah mar fhear-riaghlaidh, agus à taigh Iùdah, taigh m’athar-sa, agus am measg mic m’athar bu toigh leis mise a dhèanamh ann am rìgh os cionn Israeil uile.

Agus dhaingnich rìgh Rehobòam e fhèin ann an Ierusalem, agus rìghich e. A‑nis bha Rehobòam aon agus dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e seachd-bliadhna-deug ann an Ierusalem, am baile a thagh an Tighearna a‑mach à uile threubhan Israeil a chur a ainme an sin: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, Ban-Amonach.

Agus ghabh iad còmhnaidh innte, agus thog iad air do shon-sa innte ionad naomh, airson d’ainme-sa, ag ràdh,

A‑nis na bithibh-se cruaidh-mhuinealach cosmhail ri ur n‑athraichean: thugaibh sibh fhèin thairis don Tighearna, agus rachaibh a‑steach da ionad naomh, a naomhaich e gu bràth; agus dèanaibh seirbhis don Tighearna ur Dia, a‑chum gun tionndaidh lasan a fheirge air falbh uaibh.

Agus thog e altairean ann an taigh an Tighearna, mun dubhairt an Tighearna, Ann an Ierusalem bidh m’ainm-sa gu bràth.

A‑chum gum bi do shùilean fosgailte ris an taigh seo a dh’oidhche agus a là, eadhon ris an àite mun dubhairt thu gun cuireadh tu d’ainm an sin, a dh’èisdeachd ris an ùrnaigh a nì do sheirbhiseach a dh’ionnsaigh an àite seo.

On là air an tug mi mo shluagh a‑mach à tìr na h‑Eiphit, cha do thagh mi baile sam bith à uile threubhan Israeil a thogail taighe, a‑chum gum biodh m’ainm an sin, agus cha do thagh mi duine sam bith gu bhith na uachdaran os cionn mo shluaigh Israel.

Oir a‑nis thagh mi agus naomhaich mi an taigh seo, a‑chum gum bi m’ainm an sin gu bràth; agus bidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là.

Agus an airgid agus an òir uile a gheibh thu ann an uile mhòr-roinn Bhàbiloin, maille ri tabhartas saor-thoil an t‑sluaigh agus nan sagart, a’ toirt seachad den saor-thoil airson taigh an Dè a tha ann an Ierusalem:

Seasaidh ar casan an taobh a‑staigh ded gheatachan, O Ierusaleim.

Oir roghnaich an Tighearna Sion; mhiannaich e i mar ionad-còmhnaidh dha fhèin, ag ràdh,

Is mòr an Tighearna, agus is ro‑airidh air cliù e ann am baile ar Dè, ann an sliabh a naomhachd.

Altair de thalamh nì thu dhòmhsa, agus ìobraidh tu oirre do thabhartasan-loisgte, agus do thabhartasan-sìthe, do chaoraich, agus do dhaimh: anns gach àit anns an toir mise fa‑near gun cuimhnichear m’ainm, thig mi ad ionnsaigh, agus beannaichidh mi thu.

Agus ciod am freagradh a bheirear do theachdairean nan cinneach? Gun do leag an Tighearna bunaitean Shioin, agus innte cuiridh bochdan a shluaigh an dòchas.

Agus sealbhaichidh an Tighearna Iùdah, a chuibhreann, anns an fhearann naomh; agus roghnaichidh e Ierusalem a‑rìs.

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Gun dèanadh an Tighearna do chronachadh, O Shàtain; gun dèanadh eadhon an Tighearna a roghnaich Ierusalem, do chronachadh: nach aithinne e seo, air a spìonadh as an teine?

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan