An sin èisd thusa o na nèamhan, od àite-còmhnaidh, rin ùrnaigh agus rin athchuinge, agus cùm ceartas riu, agus maith dod sluagh a pheacaich ad aghaidh.
Ma thilleas iad ad ionnsaigh-sa len uile chridhe, agus len uile anam, ann an tìr am braighdeanais, don tugadh iad nam braighdean, agus ma nì iad ùrnaigh a làimh an tìre fhèin a thug thu dan athraichean, agus a làimh a’ bhaile a roghnaich thu, agus a làimh an taighe a thog mise dod ainm;
Is beannaichte esan a thaghas tusa, agus a bheir thu am fagas dhut; gheibh e còmhnaidh ad chùirtean; sàsaichear sinn le maitheas do thaighe, do theampaill naoimh.
Is cumhachdach am fear-saoraidh: Iehòbhah, Dia nan sluagh, is e a ainm: tagraidh e gu daingeann an cùis, a‑chum gun toir e suaimhneas don talamh agus mì‑shuaimhneas do luchd-àiteachaidh Bhàbiloin.