Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 6:37

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh ma thig iad gu inntinn cheirt anns an tìr don tugadh nam braighdean iad, agus ma dh’iompaichear iad, agus ma nì iad ùrnaigh riut ann an tìr am braighdeanais, ag ràdh, Pheacaich sinn, rinn sinn gu h‑eucorach, agus rinn sinn gu h‑aingidh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Nuair a pheacaicheas iad ad aghaidh (oir chan eil duine ann nach peacaich), agus a lasas d’fhearg nan aghaidh, agus a bheir thu thairis iad dan naimhdean, agus a bheir iad leo nam braighdean iad do thìr am fad no am fagas;

Ma thilleas iad ad ionnsaigh-sa len uile chridhe, agus len uile anam, ann an tìr am braighdeanais, don tugadh iad nam braighdean, agus ma nì iad ùrnaigh a làimh an tìre fhèin a thug thu dan athraichean, agus a làimh a’ bhaile a roghnaich thu, agus a làimh an taighe a thog mise dod ainm;

Ma dh’irioslaicheas mo shluagh, air an goirear m’ainm, iad fhèin, agus gun dèan iad ùrnaigh, agus gun iarr iad mo ghnùis, agus gun till iad on droch shlighean, an sin cluinnidh mise o na nèamhan, agus maithidh mi am peacadh, agus lèighsidh mi am fearann.

Biodh do chluas a‑nis furachair, agus do shùilean fosgailte, a‑chum is gun èisd thu ri ùrnaigh d’òglaich, a tha mi a’ dèanamh ad fhianais a‑nis, a là agus a dh’oidhche, airson chloinn Israeil d’òglach: agus tha mi ag aideachadh peacaidhean chloinn Israeil, a pheacaich sinn ad aghaidh: pheacaich araon mise agus taigh m’athar.

Pheacaich sinn le ar n‑athraichean; rinn sinn gu h‑olc, rinn sinn gu h‑aingidh.

Agus a‑nis, O Thighearna ar Dia, a thug do shluagh a‑mach à tìr na h‑Eiphit le làimh chumhachdaich, agus a fhuair dhut fhèin cliù, mar air an là‑an‑diugh, pheacaich sinne, rinn sinn gu h‑aingidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan