2 Eachdraidh 6:34Am Bìoball Gàidhlig 1992Nuair a thèid do shluagh a‑mach a chogadh an aghaidh an naimhdean air an t‑slighe air an cuir thu iad, agus a nì iad ùrnaigh riut a làimh a’ bhaile seo a roghnaich thusa, agus an taighe a thog mise dod ainm; Faic an caibideil |
An sin èisd thusa o na nèamhan, od àite-còmhnaidh, agus dèan a rèir nan uile nithean mun glaodh an coigreach riut; a‑chum gum bi eòlas aig uile shlòigh na talmhainn air d’ainm, agus gum bi eagal orra romhad, mar a tha air do shluagh Israel, agus gum bi fhios aca gun goirear d’ainm-sa air an taigh seo a thog mise.
A‑nis nuair a thuig Daniel gun deachaidh an sgrìobhadh a sheulachadh, chaidh e a‑chum a thaighe agus air da uinneagan a bhith fosgailte na sheòmar ri Ierusalem, thuit e sìos air a ghlùinean trì uairean anns an là, agus rinn e ùrnaigh, agus thug e buidheachas an làthair a Dhè, mar a rinn e anns an aimsir roimhe.