Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 6:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin èisd thusa o na nèamhan, od àite-còmhnaidh, agus dèan a rèir nan uile nithean mun glaodh an coigreach riut; a‑chum gum bi eòlas aig uile shlòigh na talmhainn air d’ainm, agus gum bi eagal orra romhad, mar a tha air do shluagh Israel, agus gum bi fhios aca gun goirear d’ainm-sa air an taigh seo a thog mise.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

On là air an tug mi mo shluagh Israel a‑mach as an Eiphit, cha do thagh mi baile sam bith à uile threubhan Israel a thogail taighe, a‑chum gum biodh m’ainm an sin: ach thagh mi Daibhidh gu bhith os cionn mo shluaigh Israel.

A‑nis, matà, O Thighearna ar Dia, saor sinn, guidheam ort, as a làimh, a‑chum gum bi fhios aig uile rìoghachdan na talmhainn gur tusa an Tighearna Dia, thu fhèin ad aonar.

Nuair a thèid do shluagh a‑mach a chogadh an aghaidh an naimhdean air an t‑slighe air an cuir thu iad, agus a nì iad ùrnaigh riut a làimh a’ bhaile seo a roghnaich thusa, agus an taighe a thog mise dod ainm;

Ma dh’irioslaicheas mo shluagh, air an goirear m’ainm, iad fhèin, agus gun dèan iad ùrnaigh, agus gun iarr iad mo ghnùis, agus gun till iad on droch shlighean, an sin cluinnidh mise o na nèamhan, agus maithidh mi am peacadh, agus lèighsidh mi am fearann.

Cuimhnichidh air, agus tillidh a dh’ionnsaigh an Tighearna, uile chrìochan na talmhainn; agus strìochdaidh uile theaghlaichean nan cinneach na làthair.

Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh.

A‑chum gun aithnichear do shlighe air an talamh, do shlàinte am measg nan uile chinneach.

Thig na cinnich uile a rinn thu, agus sleuchdaidh iad ad làthair, a Thighearna, agus bheir iad glòir dod ainm.

Agus anns an là sin, bidh freumh Iese na sheasamh mar bhrataich do na slòigh; da ionnsaigh-san iarraidh na cinnich, agus bidh a thàmh glòrmhor.

Mar seo deir e, Is nì suarach dhut gum biodh tu ad òglach dhòmhsa a thogail suas geugan Iàcoib, agus a dh’aiseag meanganan Israeil; bheir mi thu fòs mar sholas do na cinnich, gu bhith ad shlàinte uamsa gu iomall na talmhainn.

Cò air nach biodh eagal romhadsa, O Rìgh nan slògh? Oir dhutsa buinidh urram; a chionn nach eil am measg uile dhaoine glice nan cinneach, agus am measg an uile rìoghachdan, aon neach cosmhail riut.

Agus cuiridh iad m’ainm air cloinn Israeil, agus beannaichidh mise iad.

Agus shèid an seachdamh aingeal a thrompaid; agus bha guthan mòra air nèamh, ag ràdh, Rinneadh rìoghachdan an t‑saoghail nan rìoghachdan dar Tighearna, agus da Chrìosd-san; agus rìoghaichidh e gu saoghal nan saoghal.

Air an là‑an‑diugh bheir an Tighearna thairis thu dom làimh-sa, agus buailidh mi thu, agus buinidh mi dhìot do cheann, agus bheir mi closaichean feachd nam Philisteach air an là‑an‑diugh do eunlaith an adhair, agus do fhiadh-bheathaichean na talmhainn; a‑chum gum bi fhios aig an talamh uile gu bheil Dia ann an Israel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan