Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 6:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Os bàrr, a‑thaobh a’ choigrich, nach eil ded shluagh Israel, ach a thig à tìr chèin air sgàth do mhòr-ainme-sa, agus do làimhe làidir, agus do ghàirdein sìnte a‑mach, agus a thig agus a nì ùrnaigh anns an taigh seo;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Agus thill e a dh’ionnsaigh an duine le Dia, e fhèin agus a chuideachd uile, agus thàinig e, agus sheas e na làthair; agus thubhairt e, Feuch, a‑nis tha fhios agam nach eil Dia anns an talamh uile ach ann an Israel: a‑nis, matà, guidheam ort, gabh tìodhlac od sheirbhiseach.

Agus thubhairt i ra bana-mhaighistir, B’fheàrr leam gu robh mo thighearna maille ris an fhàidh a tha ann an Samaria; an sin lèighseadh e o a luibhre e.

Agus nuair a chuala Elisa, an duine le Dia, gun do reub rìgh Israeil a aodach, chuir e fios a dh’ionnsaigh an rìgh, ag ràdh, Carson a reub thu d’aodach? Thigeadh e a‑nis am ionnsaigh-sa, agus bidh fhios aige gu bheil fàidh ann an Israel.

A‑chum gum bi eagal orra romhadsa, a ghluasad ann ad shlighean rè an làithean uile a bhios iad beò anns an tìr a thug thu dar n‑athraichean.

Le làimh thrèin, agus le gàirdean sìnte a‑mach, oir gu bràth mairidh a thròcair;

Agadsa tha gàirdean neartmhor; is làidir do làmh, is àrd do dheaslàmh.

Agus nuair a dh’fheòraicheas do mhac dhìot anns an aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod e seo? An sin their thu ris, Le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit, à taigh na daorsa:

Uime sin, abair ri cloinn Israeil, Is mise an Tighearna, agus bheir mi sibh a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach, agus saoraidh mi sibh on daorsa; agus fuasglaidh mi sibh le gàirdean sìnte a‑mach, agus le breitheanais mhòra.

Agus bheir iad ur bràithrean uile, as gach cinneach, mar thabhartas don Tighearna; air eich agus air carbadan agus air uirighean, air muileidean, agus air ainmhidhean luath-chasach; gum shliabh naomh-sa Ierusalem, deir an Tighearna; amhail a bheir clann Israeil tabhartas ann an soitheach glan gu taigh an Tighearna.

Seadh, thig mòran shluagh, agus cinnich chumhachdach, a dh’iarraidh Tighearna nan sluagh ann an Ierusalem, agus a ghuidhe an làthair an Tighearna.

Eiridh bànrighinn na h‑àird a deas anns a’ bhreitheanas maille ris a’ ghinealach seo, agus dìtidh i e: oir thàinig i o na h‑àitean as iomallaiche den talamh a dh’èisdeachd gliocas Sholaimh; agus, feuch, tha nas mò na Solamh an seo.

Agus nuair a rugadh Iosa ann am Betlehem Iudèa, ann an làithean Heroid an rìgh, feuch, thàinig draoidhean on àird an ear gu Ierusalem,

Agus tha caoraich eile agam, nach eil den chrò seo: is èiginn dhomh iad sin mar an ceudna a thoirt a‑steach, agus èisdidh iad rim ghuth; agus bidh aon treud ann, agus aon bhuachaille.

Agus bha Greugaich àraidh am measg na muinntir a chaidh suas a‑chum adhradh a dhèanamh aig an fhèill:

Phrigia, agus Phamphilia, na h‑Eiphit, agus crìochan na Libia timcheall Chirène, agus coigrich on Ròimh, Iùdhaich agus proselitich.

Agus thubhairt i ris na daoine, Tha fhios agam gu bheil an Tighearna air toirt dhuibh na tìre, agus gu bheil ur n‑uamhas air tuiteam oirnne, agus gu bheil luchd-àiteachaidh na tìre uile air leaghadh as le eagal romhaibh:

Agus thubhairt iad ris, O dhùthaich ro‑fhada air astar thàinig do sheirbhisich, air sgàth ainm an Tighearna do Dhia: oir chuala sinn a iomradh-san, agus gach nì a rinn e anns an Eiphit,

Agus thubhairt Rut, Na iarr orm d’fhàgail, no tilleadh o bhith gad leantainn: oir ge bè taobh a thèid thusa, thèid mise; agus far an gabh thusa tàmh, gabhaidh mise tàmh: is e do shluagh-sa mo shluagh-sa, agus do Dhia-sa mo Dhia-sa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan