2 Eachdraidh 6:30Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin èisd thusa o na nèamhan, od àite-còmhnaidh, agus maith, agus thoir do gach duine a rèir a shlighean uile, a tha fhios agad air a chridhe (oir is ann agadsa, agadsa a‑mhàin, a tha fhios air cridheachan clann nan daoine); Faic an caibideil |
Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.
Tha fhios agam mar an ceudna, mo Dhia, gun dearbh thusa an cridhe, agus gu bheil tlachd agad ann an treibhdhireas. Dom thaobh-sa, ann an treibhdhireas mo chridhe thug mi gu toileach uam mar thabhartas na nithean seo uile: agus a‑nis chunnaic mi le aoibhneas do shuagh, a tha an seo an làthair, a’ toirt seachad gu toileach an tabhartais dhutsa.