Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 6:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ge bè ùrnaigh, ge bè athchuinge a chuirear suas le duine sam bith, no led shluagh Israel uile, nuair a bhios fhios aig gach aon air a phlàigh fhèin, agus a dhoilgheas fhèin, agus a sgaoileas e a‑mach a làmhan a dh’ionnsaigh an taighe seo;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Ma thig olc air bith oirnn, claidheamh, breitheanas, no plàigh, no gorta, seasaidh sinn fa chomhair an taighe seo, agus ann ad fhianais-sa (oir tha d’ainm anns an taigh seo), agus glaodhaidh sinn riut nar teinn, agus èisdidh tusa, agus saoraidh tu sinn.

Nuair a bhios gorta anns an tìr, nuair a bhios plàigh ann, nuair a bhios seargadh ann, no fuar-dhealt, lòcast, no burrais; nuair a theannaicheas a nàmhaid e ann an tìr a bhailtean, ciod air bith plàigh, agus ciod air bith easlaint a bhios ann;

An sin èisd thusa o na nèamhan, od àite-còmhnaidh, agus maith, agus thoir do gach duine a rèir a shlighean uile, a tha fhios agad air a chridhe (oir is ann agadsa, agadsa a‑mhàin, a tha fhios air cridheachan clann nan daoine);

Agus gairm orm ann an là teanntachd; saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhòmhsa.

Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.

Is aithne do chridhe duine searbhas a anama; agus na aoibhneas cha bhi co‑roinn aig coigreach.

Agus nuair a shìneas sibh a‑mach ur làmhan, falaichidh mise mo shùilean uaibh; seadh nuair a nì sibh iomadh ùrnaigh, chan èisd mi: tha ur làmhan làn fala.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan