Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 6:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin èisd thusa o na nèamhan, agus maith peacadh do sheirbhiseach, agus do shluaigh Israel, a‑chum gun teagaisg thu dhaibh an t‑slighe mhath air an còir dhaibh gluasad, agus gun cuir thu uisge air an fhearann a thug thu dod shluagh mar oighreachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Ma dh’irioslaicheas mo shluagh, air an goirear m’ainm, iad fhèin, agus gun dèan iad ùrnaigh, agus gun iarr iad mo ghnùis, agus gun till iad on droch shlighean, an sin cluinnidh mise o na nèamhan, agus maithidh mi am peacadh, agus lèighsidh mi am fearann.

Teagaisg dhomh, a Thighearna, slighe do reachdan, agus gleidhidh mi i gu ruig a’ chrìoch.

Cò e am fear air a bheil eagal an Tighearna? Seòlaidh e esan anns an t‑slighe a roghnaicheas e.

Is math agus is dìreach an Tighearna; uime sin teagaisgidh e peacaich anns an t‑slighe.

Shil thu a‑nuas uisge gu pailt, a Dhè; air d’oighreachd, agus i sgìth, dh’fhurtaich thu.

Is beannaichte an duine a smachdaicheas tusa, a Thighearna, agus a theagaisgeas tu as do lagh;

Agus cluinnidh do chluasan facal od chùlaibh, ag ràdh, Seo an t‑slighe, gluaisibh innte, nuair a thionndaidheas sibh a‑chum na làimhe deise, no a‑chum na làimhe clìthe.

A bheil aon air bith am measg dìomhanais nan cinneach as urrainn uisge a thoirt seachad? No an urrainn na nèamhan frasan a thabhairt? Nach tu fhèin an tì a nì sin, O Thighearna ar Dia-ne? Air an adhbhar sin, feithidh sinne riut; oir is tu a rinn na nithean seo uile.

Gun seòladh an Tighearna do Dhia dhuinn an t‑slighe anns an gluais sinn, agus an nì a tha sinn ri dhèanamh.

Cha mhò a their iad nan cridhe, Biodh a‑nis eagal an Tighearna ar Dia oirnn, a tha a’ toirt araon a’ chiad uisge agus an uisge dheireannaich na àm fhèin; seachdainean suidhichte an fhogharaidh tha e a’ gleidheadh air ar son.

Mar seo thubhairt an Tighearna; Seasaibh anns na ròidean agus faicibh, agus feòraichibh airson nan seann cheuman, Càit a bheil an t‑slighe mhath, agus gluaisibh innte; mar sin gheibh sibh fois dur n‑anaman. Ach thubhairt iadsan, Cha ghluais sinn innte.

Agus nì mi iadsan agus na h‑ionadan timcheall mo shlèibh nam beannachadh; agus bheir mi air an fhrois teachd a‑nuas na h‑àm: bidh frasan de bheannachdan ann.

Uime sin a‑nis mar an ceudna, tha an Tighearna ag ràdh, tillibh am ionnsaigh-sa le ur n‑uile chridhe, agus le trasg, agus le gul, agus le caoidh.

Agus reubaibh ur cridhe, agus chan e ur n‑aodach; agus tillibh ris an Tighearna ur Dia: oir tha e tròcaireach agus iochdmhor, mall a‑chum feirge, agus làn de chaomhalachd, agus gabhaidh e aithreachas mun olc.

Bithibh ait, matà, O chlann Shioin, agus dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna ur Dia; oir thug e dhuibh an ciad uisge ann an ceart-thomhas; agus bheir e air frasan teachd a‑nuas dur n‑ionnsaigh, an ciad uisge, agus an t‑uisge deireannach amhail roimhe seo.

Agus thèid mòran chinneach, agus their iad, Thigibh, agus rachamaid suas gu sliabh an Tighearna, agus gu taigh Dia Iàcoib; agus teagaisgidh e dhuinn ma shlighean, agus gluaisidh sinne na cheuman: oir à Sion thèid an lagh a‑mach, agus facal an Tighearna à Ierusalem.

Iarraibh-se air an Tighearna uisge ann an àm an uisge dheireannaich; nì an Tighearna dealanach, agus bheir e dhuibh pailteas uisge; do gach aon feur anns an fhaiche.

Tha e sgrìobhte anns na fàidhean, Agus bidh iad uile air an teagasg o Dhia. Uime sin gach neach a chuala, agus a dh’fhòghlaim on Athair, thig e am ionnsaigh-sa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan