Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 6:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nuair a dhruidear na nèamhan, agus nach bi uisge ann, a chionn gun do pheacaich iad ad aghaidh-sa, agus a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo, agus a dh’aidicheas iad d’ainm, agus a dh’iompaichear iad o am peacadh, nuair a chuireas tu fo àmhghar iad;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

An sin èisd thusa o na nèamhan, agus maith peacadh do shluaigh Israel, agus thoir a‑rìs iad don fhearann a thug thu dhaibh fhèin agus dan athraichean.

Ma dhruideas mi na nèamhan, agus nach bi uisge ann, no ma dh’àithneas mi do na lòcaist am fearann ithe suas, no ma chuireas mi plàigh am measg mo shluaigh;

An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair.

Agus cuiridh mi fàs e; cha sgathar e, agus cha ruamhairear e; ach fàsaidh an dris agus an droigheann ann; agus bheir mi àithne do na neòil nach fras iad uisge air.

A mhic an duine, tràth pheacaicheas an tìr ann am aghaidh-sa le ciontachadh gu ro‑mhòr, an sin sìnidh mi a‑mach mo làmh oirre, agus brisidh mi lorg a h‑arain, agus cuiridh mi gort oirre, agus gearraidh mi uaipe duine agus ainmhidh.

Imichidh mi, agus tillidh mi gum àite, gus an aidich iad an cionta, agus an iarr iad m’aghaidh: nan àmhghar iarraidh iad mi gu moch.

Agus brisidh mi uabhar ur cumhachd; agus nì mi ur nèamhan mar iarann, agus ur talamh mar umha:

Ach gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu robh mòran bhantrach ann an Israel an làithean Eliais, nuair a dhruideadh nèamh rè trì bliadhna agus sia mìosan, agus a bha gorta mhòr air feadh na tìre uile:

Agus gun las fearg an Tighearna nur n‑aghaidh, agus gun druid e suas nèamh, air chor is nach bi uisge sam bith ann, agus nach toir am fearann a thoradh uaithe, agus gun sgriosar gu grad sibh as an fhearann mhath a tha an Tighearna a’ tabhairt dhuibh.

Agus bidh do speuran a tha os do chionn nan umha, agus an talamh a tha fodhad na iarann.

Tha cumhachd aca seo nèamh a dhùnadh, ionnas nach bi uisge ann, ann an làithean am fàidheadaireachd: agus tha cumhachd aca air uisgeachan a‑chum an tionndadh gu fuil, agus an talamh a bhualadh leis an uile phlàigh, cho minig is as toil leo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan