Agus ma bhuailear do shluagh Israel an làthair an nàmhaid, a chionn gun do pheacaich iad ad aghaidh, agus ma thilleas iad agus gun aidich iad d’ainm, agus gun dèan iad ùrnaigh, agus gun guidh iad ad làthair anns an taigh seo;
Nuair a dhruidear na nèamhan, agus nach bi uisge ann, a chionn gun do pheacaich iad ad aghaidh-sa, agus a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo, agus a dh’aidicheas iad d’ainm, agus a dh’iompaichear iad o am peacadh, nuair a chuireas tu fo àmhghar iad;
Agus bheir mi a‑steach sibh a dh’ionnsaigh an fhearainn a mhionnaich mi gun tugainn e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob; agus bheir mi e dhuibhse mar oighreachd; Is mise an Tighearna.