Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 6:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ma bhuailear do shluagh Israel an làthair an nàmhaid, a chionn gun do pheacaich iad ad aghaidh, agus ma thilleas iad agus gun aidich iad d’ainm, agus gun dèan iad ùrnaigh, agus gun guidh iad ad làthair anns an taigh seo;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

An sin èisd thusa o na nèamhan, agus maith peacadh do shluaigh Israel, agus thoir a‑rìs iad don fhearann a thug thu dhaibh fhèin agus dan athraichean.

Thug thu oirnn tionndadh air ar n‑ais on nàmhaid, agus tha iadsan lem fuathach sinn gar creachadh.

Ad aghaidh, ad aghaidh fhèin a‑mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc ad shealladh, air chor is gum fìreanaichear thusa nuair a labhras tu, gum bi thu glan nuair a bheir thu breith.

An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair.

Agus cuiridh mise mo ghnùis nur n‑aghaidh, agus marbhar sibh an làthair ur naimhdean: agus rìghichidh a’ mhuinntir air am beag sibh oirbh, agus teichidh sibh nuair nach bi neach an tòir oirbh.

Agus tuitidh iad air muin a chèile, mar gum b’ann ron chlaidheamh, nuair nach bi neach an tòir orra; agus cha bhi neart agaibh gu seasamh ro ur naimhdean.

Bheir an Tighearna fa‑near gum buailear thu air beulaibh do naimhdean: thèid thu a‑mach air aon slighe nan aghaidh, agus teichidh tu romhpa air seachd slighean; agus atharraichear thu a‑chum uile rìoghachdan na talmhainn.

Uime sin nì thu seirbhis dod naimhdean, a chuireas an Tighearna ad aghaidh, ann an acras, agus ann an tart, agus ann an lomnochdaidh, agus ann an uireasbhaidh nan uile nithean; agus cuiridh e cuing iarainn air do mhuineal, gus an cuir e as dhut.

O Thighearna, ciod a their mi nuair a thionndaidheas Israel an cùl rin naimhdean?

Agus rinn clann Israeil olc ann an sealladh an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhàalim.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan