Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 6:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin èisd thusa o na nèamhan, agus dèan, agus thoir breith air do sheirbhisich, ag ìocadh don aingidh, a’ toirt a shlighe air a cheann fhèin; agus a’ fìreanachadh an fhìrein, a’ tabhairt dha a rèir a fhìreantachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Gu cinnteach chunnaic mi an‑dè fuil Nàboit, agus fuil a mhac, arsa an Tighearna, agus dìolaidh mi ort anns a’ chuibhreann seo, arsa an Tighearna. A‑nis, matà, tog agus tilg e anns a’ chuibhreann-fhearainn, a rèir facal an Tighearna.

Ma pheacaicheas duine an aghaidh a choimhearsnaich, agus ma dh’iarras e mionnan air, a’ toirt air mionnachadh, agus gun tig na mionnan an làthair d’altarach anns an taigh seo;

Chunnaic thu e, oir is lèir dhut olc agus mìorun, a‑chum an dìoladh led làimh: ortsa fàgaidh an duine bochd e fhèin; is tu fear-cuideachaidh an dìlleachdain.

Uime sin ithidh iad de thoradh an slighe fhèin, agus lìonar iad len innleachdan fhèin.

Tha an tì a shaoras an t‑aingidh, agus an tì a dhìteas am fìrean, araon nan gràinealachd don Tighearna.

A chionn gun tàinig fear-millidh na h‑aghaidh, an aghaidh Bhàbiloin; agus ghlacadh a laoich, agus bhriseadh gach aon dem boghachan; oir bheir an Tighearna, Dia na luigheachd, gu cinnteach luigheachd dhise.

An t‑anam a chiontaicheas, gheibh esan bàs: cha ghiùlain am mac aingidheachd an athar, cha mhò a ghiùlaineas an t‑athair aingidheachd a’ mhic: bidh fìreantachd an fhìrein air fhèin, agus aingidheachd an aingidh air fhèin.

Agus nuair a bheir e oirre an t‑uisge òl, an sin tàrlaidh, ma thruailleadh i, agus ma rinn i coire an aghaidh a fir-phòsda, gun tèid an t‑uisge a mhallaicheas a‑steach innte, agus fàsaidh e searbh, agus ataidh a brù, agus lobhaidh a sliasaid: agus bidh a’ bhean na mallachadh am measg a sluaigh.

Ach dhaibhsan a tha connspoideach, agus nach eil umhail don fhìrinn, ach a tha umhail don eucoir, diomb agus fearg;

Ma bhios connsachadh eadar daoine, agus gun tig iad gu breitheanas, a‑chum is gun toir na britheamhan breith orra; an sin saoraidh iad an t‑ionracan, agus dìtidh iad an ciontach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan