Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 6:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma pheacaicheas duine an aghaidh a choimhearsnaich, agus ma dh’iarras e mionnan air, a’ toirt air mionnachadh, agus gun tig na mionnan an làthair d’altarach anns an taigh seo;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Eisd air an adhbhar sin ri athchuinge do sheirbhisich, agus do sluaigh Israeil, nuair a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo; agus èisd thusa od àite-còmhnaidh, o na nèamhan; agus nuair a dh’èisdeas tu, maith dhaibh.

An sin èisd thusa o na nèamhan, agus dèan, agus thoir breith air do sheirbhisich, ag ìocadh don aingidh, a’ toirt a shlighe air a cheann fhèin; agus a’ fìreanachadh an fhìrein, a’ tabhairt dha a rèir a fhìreantachd.

An sin bidh mionnan an Tighearna eatorra le chèile, nach do shìn e a làmh gu cuid a choimhearsnaich: agus gabhaidh a shealbhadair sin uaithe, agus cha dèan esan dìoladh.

Air eagal gum bi mi làn, agus gun àich mi thu, agus gun abair mi, Cò e an Tighearna? No gum bi mi bochd, agus gun goid mi, agus gun toir mi ainm mo Dhè ann an dìomhanas.

Agus ma pheacaicheas anam, agus gun cluinn e guth mionnachaidh, agus gur fianais e, a chunnaic, no as fiosrach air a’ chùis, mura cuir e an cèill i, an sin giùlainidh e a chionta:

Agus, Ge bè a bheir mionnan air an altair, chan eil suim ann: ach ge bè a bheir mionnan air an tìodhlac a tha oirre, tha e ceangailte.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan