Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 6:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thog mise taigh-còmhnaidh dhut, agus àite a‑chum thu a dh’fhantainn ann gu bràth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Togaidh esan taigh dom ainm-sa, agus daingnichidh mise rìgh-chathair a rìoghachd gu bràth.

Gu dearbh thog mise taigh-còmhnaidh dhut, àite deas a‑chum thu a dh’fhantainn ann gu bràth.

Togaidh esan taigh dhomh, agus daingnichidh mi a rìgh-chathair gu bràth.

Agus thubhairt Daibhidh ri Solamh a mhac, Bi làidir agus gabh misneach, agus dèan e: na biodh eagal ort, agus na bi fo uamhas, oir bidh an Tighearna Dia, mo Dhia-sa, leat; chan fhàilnich e ort, cha mhò a thrèigeas e thu, gus an crìochnaich thu an obair uile fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna.

Agus thubhairt e riu, Togaidh Solamh do mhac mo thaigh-sa agus mo lùchairtean; oir thagh mi e gu bhith na mhac agam, agus bidh mise ann am athair aigesan.

Ach àirc Dhè thug Daibhidh a‑nìos o Chiriat-iearim don àit a dh’ullaich Daibhidh dhi; oir shuidhich e pàillean air a son ann an Ierusalem.

An sin thubhairt Solamh, Thubhairt an Tighearna gun gabhadh e còmhnaidh ann an dorchadas tiugh.

Agus thionndaidh an rìgh a aghaidh, agus bheannaich e uile choitheanal Israeil (agus uile choitheanal Israeil nan seasamh),

Agus a thoirt leat an airgid agus an òir, a thug a rìgh agus a chomhairlichean den toil fhèin do Dhia Israeil, aig a bheil àite-còmhnaidh ann an Ierusalem:

Agus an airgid agus an òir uile a gheibh thu ann an uile mhòr-roinn Bhàbiloin, maille ri tabhartas saor-thoil an t‑sluaigh agus nan sagart, a’ toirt seachad den saor-thoil airson taigh an Dè a tha ann an Ierusalem:

Gus am faigh mi àite don Tighearna, ionad-còmhnaidh do Dhia treun Iàcoib.

Beannaichte gu robh an Tighearna à Sion, aig a bheil a chòmhnaidh ann an Ierusalem. Molaibh-se an Tighearna.

Agus thèid an t‑uachdaran a‑steach nam meadhon nuair a thèid iad a‑steach; agus nuair a thèid iad a‑mach, thèid e a‑mach.

Agus chuala mi guth mòr à nèamh ag ràdh, Feuch, tha pàillean Dhè maille ri daoine, agus nì esan còmhnaidh maille riu, agus bidh iadsan nan sluagh dha, agus bidh Dia fhèin maille riu, agus na Dhia dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan