Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 6:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh, amhairc air ùrnaigh do sheirbhisich, agus air a athchuinge, a Thighearna mo Dhia, a dh’èisdeachd ris a’ ghlaodh agus ris an ùrnaigh a tha do sheirbhiseach a’ dèanamh ad fhianais;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Gidheadh amhairc air ùrnaigh do sheirbhisich, agus air a athchuinge, a Thighearna mo Dhia, a dh’èisdeachd ris a’ ghlaodh agus ris an ùrnaigh, a tha do sheirbhiseach a’ dèanamh ann ad fhianais an‑diugh:

Ach an gabh Dia da‑rìribh còmhnaidh maille ri daoine air an talamh? Feuch, cha chùm na nèamhan agus nèamhan nan nèamh thusa; cia as ro‑lugha na sin an taigh seo a thog mise?

A‑chum gum bi do shùilean fosgailte ris an taigh seo a dh’oidhche agus a là, eadhon ris an àite mun dubhairt thu gun cuireadh tu d’ainm an sin, a dh’èisdeachd ris an ùrnaigh a nì do sheirbhiseach a dh’ionnsaigh an àite seo.

A Thighearna, èisd rim ghuth; thugadh do chluasan an aire do ghuth m’athchuingean.

Nuair a dh’èigheas mi, èisd rium, a Dhè m’ionracais; nuair a bha mi ann an teinn, dh’fhuasgail thu orm; dèan tròcair orm, agus èisd rim ùrnaigh.

Thoir an aire don choicheangal, oir tha àitean dorcha na tìre làn de ionadan-còmhnaidh an fhòirneirt.

Agus chan eil mi a’ guidhe air an son-san a‑mhàin, ach mar an ceudna airson na muinntir sin a chreideas annamsa tro am facal-san:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan