Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 6:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis uime sin, a Thighearna Dhè Israeil, cùm rid òglach Daibhidh m’athair an nì a labhair thu ris, ag ràdh, Cha bhi duine a dhìth ort am fhianais-sa, a shuidheas air rìgh-chathair Israeil, ma choimheadas a‑mhàin do chlann an slighe, a’ gluasad ann am lagh, mar a ghluais thusa am fhianais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

A‑chum gun daingnich an Tighearna a fhacal fhèin, a labhair e dom thaobh-sa, ag ràdh, Ma choimheadas do chlann an slighe, gu imeachd am fhianais-sa ann am fìrinn, len uile chridhe, agus len uile anam, cha bhi (ars esan) duine a dh’easbhaidh ort air rìgh-chathair Israeil.

A‑thaobh an taighe seo a tha thu a’ togail, ma ghluaiseas tu ann am reachdan-sa, agus ma chuireas tu mo bhreitheanais an gnìomh, agus ma ghleidheas tu m’àitheantan uile le gluasad annta: an sin coileanaidh mise m’fhacal dhut, a labhair mi ri Daibhidh d’athair:

Nach bu chòir dhuibhse fios a bhith agaibh gun tug an Tighearna Dia Israeil an rìoghachd os cionn Israeil thairis do Dhaibhidh gu bràth, eadhon dhàsan agus da mhic le coicheangal salainn?

Gidheadh, cha b’àill leis an Tighearna taigh Dhaibhidh a sgrios, air sgàth a’ choicheangail a rinn e ri Daibhidh, agus gun do gheall e solas a thabhairt dha fhèin agus da mhic gu bràth.

Agus rinn an coitheanal uile coicheangal ris an rìgh ann an taigh Dhè: agus thubhairt e riu, Feuch, rìoghaichidh mac an rìgh, mar a thubhairt an Tighearna mu mhic Dhaibhidh.

Agus a‑nis, a Thighearna Dhè Israeil, daingnichear d’fhacal a labhair thu rid òglach Daibhidh.

Agus ma ghluaiseas tusa ann am fhianais mar a ghluais Daibhidh d’athair, agus ma nì thu a rèir gach nì a dh’àithn mi dhut, agus gun glèidh thu mo reachdan agus mo bhreitheanais:

An sin daingnichidh mise rìgh-chathair do rìoghachd, mar a rinn mi coicheangal ri Daibhidh d’athair, ag ràdh, Cha bhi duine a dhìth ort gu bhith na uachdaran ann an Israel.

Is beannaichte iadsan a tha neo-lochdach anns an t‑slighe, a dh’imicheas ann an lagh an Tighearna.

Ciod leis an glan an t‑òganach a shlighe? Trìd faicill, a rèir d’fhacail.

Mhionnaich an Tighearna do Dhaibhidh ann am fìrinn; cha till e uaithe: De thoradh do chuirp suidhichidh mi air do rìgh-chathair.

Ma choimheadas do chlann mo choicheangal agus mo theisteas, a theagasigeas mi dhaibh, suidhidh mar an ceudna an clann-san air do rìgh-chathair gu bràth.

Oir tha do choibhneas gràdhach fa chomhair mo shùl, agus ghluais mi ann ad fhìrinn.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bidh mise fhathast air m’iarraidh anns an nì seo le taigh Israeil, a‑chum a dhèanamh air an son; nì mi lìonmhor iad le daoine mar threud.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan