Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 6:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Israeil, chan eil Dia ann cosmhail riutsa anns na nèamhan, no air an talamh, a chumas coicheangal agus tròcair rid sheirbhisich, a ghluaiseas ad fhianais len uile chridhe:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha Abram ceithir-fichead agus naoi-bliadhna-deug a dh’aois, dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; gluais thusa am fhianais, agus bi iomlan.

Agus chuir e suas altair an sin, agus thug e El‑Elohe-Israel mar ainm oirre.

Agus thubhairt Dia ris, Is e Iàcob as ainm dhut; cha ghoirear Iàcob dhìot nas mò, ach is e Israel a bhios na ainm ort: agus thug e Israel mar ainm air.

Agus ghluais Enoch maille ri Dia: agus cha robh e ann; oir thug Dia leis e.

Uime sin tha thu mòr, a Thighearna Dhè: oir chan eil neach ann cosmhail riut, agus chan eil Dia ann ach thusa, a rèir gach nì a chuala sinn le ar cluasan.

Agus ann an àm toirt suas na h‑ìobairt-fheasgair, thàinig Eliah am fàidh am fagas, agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, biodh fios an‑diugh gur tusa as Dia ann an Israel, agus gur mise d’òglach, agus gur ann air d’fhacal-sa a rinn mi na nithean seo uile.

Agus thubhairt Solamh, Nochd thu dod òglach, Daibhidh m’athair, coibhneas mòr, a rèir mar a dh’imich e ad fhianais ann am fìrinn, agus ann an ionracas, agus ann an treibhdhireas cridhe maille riut; agus ghlèidh thu dha an coibhneas mòr seo, gun tug thu dha mac a shuidhe air a rìgh-chathair, mar a tha e an‑diugh.

A‑thaobh an taighe seo a tha thu a’ togail, ma ghluaiseas tu ann am reachdan-sa, agus ma chuireas tu mo bhreitheanais an gnìomh, agus ma ghleidheas tu m’àitheantan uile le gluasad annta: an sin coileanaidh mise m’fhacal dhut, a labhair mi ri Daibhidh d’athair:

Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Israeil, chan eil Dia ann cosmhail riutsa, anns na nèamhan shuas, no air an talamh a‑bhos, a chumas coicheangal agus tròcair rid sheirbhisich a ghluaiseas ad fhianais len uile chridhe:

Air an adhbhar sin bheannaich Daibhidh an Tighearna ann am fianais a’ cho-chruinneachaidh uile: agus thubhairt Daibhidh, Guma beannaichte thu, a Thighearna Dhia Israeil ar n‑athair, gu saoghal nan saoghal.

Agus thubhairt Daibhidh ris a’ cho-chruinneachadh uile, A‑nis beannaichibh an Tighearna ur Dia. Agus bheannaich an co‑chruinneachadh gu lèir an Tighearna, Dia an athraichean, agus chrom iad sìos an cinn, agus thug iad urram don Tighearna agus don rìgh.

Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè ar n‑athraichean, nach tusa Dia anns na nèamhan? Agus nach eil thu a’ riaghladh os cionn uile rìoghachdan nan cinneach? Agus ann ad làimh-sa nach eil neart agus cumhachd, air chor is nach eil neach air bith comasach air seasamh ad aghaidh?

Agus a‑nis, a Thighearna Dhè Israeil, daingnichear d’fhacal a labhair thu rid òglach Daibhidh.

Agus thubhairt mi, Guidheam ort, a Thighearna Dhè nan nèamh, an Dia mòr agus uamhasach, a ghleidheas coicheangal agus tròcair dhaibhsan a ghràdhaicheas e, agus a choimheadas a àitheantan;

Chan eil do shamhail-sa am measg nan diathan, a Thighearna, agus chan eil obraichean ann cosmhail rid obraichean-sa.

Gu bràth gleidhidh mi mo thròcair dha, agus bidh mo choicheangal seasmhach leis.

Oir cò ann am flaitheanas a choimeasar ris an Tighearna? Cò am measg mic nan cumhachdach a shamhlaichear ris an Tighearna?

A Thighearna Dhè nan slògh, cò a tha cosmhail riut? Treun tha thusa, a Thighearna, agus tha d’fhìrinn mun cuairt dhut.

Cò as cosmhail riutsa am measg nan diathan, a Thighearna? Cò a tha cosmhail riut, glòrmhor ann an naomhachd, uamhasach ann am moladh, a’ dèanamh nithean iongantach?

Agus thubhairt Dia a thuilleadh air seo ri Maois, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib, mise dur n‑ionnsaigh: is e seo m’ainm, a‑chaoidh; agus is e seo mo chuimhneachan do gach uile ghinealach.

Agus shìn Aaron a‑mach a làmh os cionn uisgeachan na h‑Eiphit; agus chaidh na losgannan suas, agus chòmhdaich iad talamh na h‑Eiphit.

Cha chosmhail riu seo cuibhreann Iàcoib; oir is esan fear-cumaidh an domhain, agus is e Israel slat a oighreachd; Tighearna nan sluagh is ainm dha.

Chan eil aon neach ann cosmhail riutsa, O Thighearna; Is mòr thu, agus is mòr d’ainm ann an cumhachd.

Agus rinn mi ùrnaigh ris an Tighearna mo Dhia, agus rinn mi m’aidmheil, agus thubhairt mi, O Thighearna, an Dia mòr, agus uamhasach, a tha a’ cumail coicheangail agus tròcair riùsan a ghràdhaicheas e, agus don dream a choimheadas a àitheantan:

Agus tha a thròcair-san o linn gu linn, don dream don eagal e.

Agus bha iad le chèile ionraic ann am fianais Dhè, ag imeachd ann an uile àitheantan agus òrdaighean an Tighearna gu neo-lochdach.

A choileanadh na tròcair a gheall e dar n‑athraichean, agus a chuimhneachadh a choicheangail naoimh fhèin:

O Thighearna Dhè, thòisich thu air do mhòrachd agus do làmh chumhachdach a nochdadh dod òglach: oir cò an dia air nèamh no air talamh as urrainn a dhèanamh a rèir d’obrach-sa, agus a rèir do chumhachd-sa?

Biodh agad fios uime sin an‑diugh, agus thoir fa‑near ad chridhe, gur e an Tighearna as Dia ann air nèamh shuas, agus air an talamh a‑bhos: chan eil ann ach e.

Biodh fhios agad uime sin, an Tighearna do Dhia gur esan Dia, an Dia fìrinneach, a chumas coicheangal agus tròcair riùsan a ghràdhaicheas e, agus a ghleidheas a àitheantan, gu mìle ginealach;

Gun gluaiseadh sibh gu cubhaidh do Dhia, a ghairm sibh a‑chum a rìoghachd agus a ghlòire fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan