Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 6:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

(Oir rinn Solamh bonn umha, agus chuir e e ann am meadhon na cùirte, còig làmhan-coille air fad, agus còig làmhan-coille air leud, agus trì làmhan-coille air àirde; agus sheas e air, agus leig e e fhèin air a ghlùinean an làthair coitheanal Israeil uile, agus sgaoil e a‑mach a làmhan gu nèamh),

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thog e a’ chùirt a‑staigh le trì sreathan de chlachan snaidhte, agus sreath de shailthean seudair.

Agus aig a’ chùirt mhòir mun cuairt bha trì sreathan de chlachan snaidhte, agus sreath de shailthean seudair: air an dòigh cheudna aig cùirt a‑staigh taigh an Tighearna, agus aig sgàth-thaigh an taighe.

Agus nuair a chuir Solamh crìoch air an ùrnaigh seo uile a dhèanamh ris an Tighearna, agus an athchuinge seo, dh’èirich e o bheulaibh altair an Tighearna, o e fhèin a lùbadh air a ghlùinean, agus a làmhan sgaoilte a dh’ionnsaigh nan nèamh:

Agus rinn e cùirt nan sagart, agus a’ chùirt mhòr, agus dorsan airson na cùirte, agus chòmhdaich e an dorsan thairis le umha.

Agus sheas e ro altair an Tighearna, an làthair uile choitheanail Israeil, agus sgaoil e a‑mach a làmhan:

Agus aig an ìobairt-fheasgair dh’èirich mi om thùirse, lem aodach agus m’fhallaing reubte umam, agus leig mi mi fhèin air mo ghlùinean, agus sgaoil mi a‑mach mo làmhan a dh’ionnsaigh an Tighearna mo Dhia.

Agus nuair a chuala mi na briathran seo, shuidh mi sìos, agus ghuil mi, agus rinn mi bròn làithean àraidh, agus thraisg mi, agus rinn mi ùrnaigh am fianais Dia nan nèamh,

Agus sheas Esra an sgrìobhaiche air crannaig fhiodha, a rinn iad airson a’ ghnothaich, agus làimh ris sheas Matitiah, agus Sema, agus Anaiah, agus Uriah, agus Hilciah, agus Maaseiah, air a làimh dheis; agus air a làimh chlì Pedaiah, agus Misael, agus Malchiah, agus Hasum, agus Hasbadana, Sechariah agus Mesulam.

O thigibh, sleuchdamaid, agus cromamaid sìos; tuiteamaid air ar glùinean am fianais an Tighearna a rinn sinn;

Agus thubhairt Maois ris, Cho luath is a thèid mise a‑mach as a’ bhaile, sìnidh mì mo làmhan a‑mach a‑chum an Tighearna: agus sguiridh an tàirneanach, agus cha bhi a’ chlach-mheallain ann nas mò; a‑chum is gum bi fhios agad gur leis an Tighearna an talamh.

A‑nis nuair a thuig Daniel gun deachaidh an sgrìobhadh a sheulachadh, chaidh e a‑chum a thaighe agus air da uinneagan a bhith fosgailte na sheòmar ri Ierusalem, thuit e sìos air a ghlùinean trì uairean anns an là, agus rinn e ùrnaigh, agus thug e buidheachas an làthair a Dhè, mar a rinn e anns an aimsir roimhe.

Agus thàirngeadh esan uapa mu thimcheall urchar cloiche, agus leig e e fhèin air a ghlùinean, agus rinn e ùrnaigh,

Agus air dha na briathran seo a ràdh, leig e e fhèin air a ghlùinean, agus rinn e ùrnaigh maille riu uile.

Agus nuair a chrìochnaicheadh na làithean sin, chaidh sinn a‑mach, agus thriall sinn romhainn; agus thàinig iadsan uile, maille ri mnathan agus ri cloinn nar cuideachd, a‑mach as a’ bhaile: agus chaidh sinn air ar glùinean air an tràigh, agus rinn sinn ùrnaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan