Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 6:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus choilean an Tighearna a fhacal a labhair e, agus dh’èirich mise suas an àite Dhaibhidh m’athair, agus tha mi am shuidhe air rìgh-chathair Israeil, mar a labhair an Tighearna, agus thog mi an taigh do ainm an Tighearna Dia Israeil:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

An sin shuidh Solamh air rìgh-chathair Dhaibhidh a athair, agus dhaingnicheadh a rìoghachd gu mòr.

Agus nuair a choileanar do làithean, agus gur èiginn dhut triall maille rid athraichean, togaidh mise suas do shliochd ad dhèidh, a bhios ded mhic; agus daingnichidh mi a rìoghachd-san.

A‑nis uime sin, a mhic, gu robh an Tighearna maille riut, a‑chum gun soirbhich thu, agus gun tog thu taigh an Tighearna do Dhia, mar a labhair e mud thimcheall.

Agus dem mhic uile (oir thug an Tighearna mòran mhac dhomh), roghnaich e Solamh mo mhac gu suidhe air rìgh-chathair rìoghachd an Tighearna os cionn Israeil.

Oir is coigrich sinne ad fhianais agus luchd-cuairt, mar ar n‑athraichean uile: mar fhaileas tha ar làithean air thalamh, agus chan eil buanas ann.

Agus shuidh Solamh ann an cathair rìoghail an Tighearna mar rìgh an àite Dhaibhidh a athair, agus shoirbhich leis, agus bha Israel uile umhail dha.

Agus dhaingnicheadh Solamh mac Dhaibhidh na rìoghachd, agus bha an Tighearna a Dhia maille ris, agus dh’àrdaich e e gu mòr.

Agus shuidhich mi an sin an àirc, anns a bheil coicheangal an Tighearna, a rinn e ri cloinn Israeil.

Gidheadh, cha tog thusa an taigh, ach do mhac a thig a‑mach as do leasraidh, togaidh esan an taigh dom ainm-sa.

Tha aon ghinealach a’ siubhal, agus ginealach eile a’ teachd; ach fanaidh an talamh gu bràth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan