Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 5:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’ìobair rìgh Solamh, agus coitheanal Israeil uile a chruinnich da ionnsaigh ron àirc, caoraich agus crodh, nach robh e an comas àireamh no a mheas, a‑thaobh lìonmhorachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a dh’imich iadsan a ghiùlain àirc an Tighearna sia ceuman, dh’ìobair e tairbh agus beathaichean reamhar.

Agus bha rìgh Solamh, agus coitheanal Israeil uile, a thionail da ionnsaigh, maille ris ron àirc ag ìobradh chaorach, agus cruidh, nach robh e an comas àireamh, no a mheas, a‑thaobh lìonmhorachd.

Agus dh’ìobair iad ìobairtean don Tighearna, agus thug iad seachad ìobairtean-loisgte don Tighearna air an là màireach an dèidh an là sin, eadhon mìle tarbh, mìle reithe, agus mìle uan, len tabhartasan-dibhe, agus ìobairtean ann am pailteas airson Israeil uile;

Agus thug iad suas an àirc, agus pàillean a’ choitheanail, agus na soithichean naomha uile a bha anns a’ phàillean: thug na sagartan agus na Lèbhithich iad sin suas.

Agus thug na sagartan a‑steach àirc coicheangal an Tighearna da h‑àite fhèin, do ghuth-àit an taighe, don ionad as ro‑naoimhe, eadhon fo sgiathan nan cerub:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan