Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 5:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig uile sheanairean Israeil; agus thog na Lèbhithich an àirc.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig uile sheanairean Israeil, agus thog na sagartan an àirc.

An sin thubhairt Daibhidh, Cha chòir do neach air bith àirc Dhè iomchar, ach do na Lèbhithich: oir iadsan roghnaich an Tighearna gu àirc Dhè iomchar, agus gu frithealadh dha gu bràth.

Agus thug iad suas an àirc, agus pàillean a’ choitheanail, agus na soithichean naomha uile a bha anns a’ phàillean: thug na sagartan agus na Lèbhithich iad sin suas.

Agus thug na sagartan a‑steach àirc coicheangal an Tighearna da h‑àite fhèin, do ghuth-àit an taighe, don ionad as ro‑naoimhe, eadhon fo sgiathan nan cerub:

Agus crìochnaichidh Aaron agus a mhic còmhdach an ionaid naoimh, agus uile shoithichean an ionaid naoimh, nuair a bhios an camp gu dol air aghaidh; agus an dèidh sin thig mic Chohait gan giùlan: ach cha bhean iad ri nì naomh sam bith, air eagal gum bàsaich iad. Is iad na nithean sin eallach mic Chohait ann am pàillean a’ choitheanail.

Agus labhair Iosua ris na sagartan, ag ràdh, Togaibh suas àirc a’ choicheangail, agus rachaibh thairis ron t‑sluagh. Agus thog iad suas àirc a’ choicheangail agus chaidh iad ron t‑sluagh.

Agus ghairm Iosua mac Nuin air na sagartan, agus thubhairt e riu, Togaibh suas àirc a’ choicheangail, agus giùlaineadh seachd sagartan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan ro àirc an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan