Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè ar n‑athraichean, nach tusa Dia anns na nèamhan? Agus nach eil thu a’ riaghladh os cionn uile rìoghachdan nan cinneach? Agus ann ad làimh-sa nach eil neart agus cumhachd, air chor is nach eil neach air bith comasach air seasamh ad aghaidh?
Agus nuair a chuir Solamh crìoch air ùrnaigh a dhèanamh, thàinig an teine a‑nuas o nèamh, agus loisg e suas an tabhartas-loisgte agus na h‑ìobairtean; agus lìon glòir an Tighearna an taigh.
Agus cha b’urrainn Maois dol a‑steach do bhùth a’ choitheanail, a chionn gun do ghabh an neul còmhnaidh air, agus gun do lìon glòir an Tighearna am pàillean.
An sin chaidh glòir an Tighearna suas bhàrr a’ cheruib, agus sheas i os cionn stairsneach an taighe; agus lìonadh an taigh leis an neul, agus bha a’ chùirt làn de dhealradh glòir an Tighearna.
Neach na aonar aig a bheil neo-bhàsmhorachd, a tha na chòmhnaidh anns an t‑solas a dh’ionnsaigh nach faodar teachd; neach nach faca duine sam bith, agus nach mò a dh’fhaodas e fhaicinn: dhàsan gu robh urram agus cumhachd sìorraidh. Amen.
Agus lìonadh an teampall le deataich o ghlòir Dhè, agus o a chumhachd-san; agus cha b’urrainn neach sam bith dol a‑steach don teampall, gus am biodh seachd plàighean nan seachd aingeal air an coileanadh.